Sailm 10

10
1Ciod uime ’n seas thu fad o làimh,
Iehòbhah làidir thrèin?
An aimsir teinn is trioblaid mhòir
an dèan thu d’fhalach fhèin?
2An droch dhuin’ tha na àrdan borb
gu dian air tòir a’ bhochd;
Ach glacar iad sna h-innleachdaibh
a dhealbh iad fhèin chum lochd.
3Oir nì an droch dhuin’ ràiteachas
à miann a chridhe fhèin;
’S na daoine sanntach molaidh e,
ge beag air Dia am mèin.
4An droch dhuin’ am fìor-àrdan gruaidh
cha ghoir e air an Triath;
Na chridhe chan eil uair air bith
gnè smaoineachaidh air Dia.
5Tha ’uile shlighe doilgheasach,
o shealladh ’s àrd do bhreith;
A’ sèideadh pluic gu fanaideach,
mu ’eascairdibh gach leth.
6Na chridhe fhèin do labhair e,
am feasd cha ghluaisear mi:
Oir cha tig àmhghar orm gu bràth,
no trioblaid fòs gam chlaoidh.
7Den ìogan, mhallachadh, ’s de ghò,
a bheul-san làn a ta:
Tha aimhleas mòr is dìomhanas
fo theangaidh-san a-ghnàth.
8An diamhaireachd nam bailtean beag’
gnàth-shuidhidh e gun fhios;
Tha shùil air bochd ’s air neoichiontach,
gam mort an uaignidheas.
Tha shùilean nimhneach mar an ceudn’,
ro-ghuineach geur gu lochd,
A’ dearcadh ann an diamhaireachd
chum sgrios an fhìrein bhochd.
9Mar leòmhann laigh’ am foill a ta,
na thàmh an garaidh dìon,
Ghabhail nam bochd: is ghlac e iad
gan tarraing ann a lìon.
10Crùbaidh is cromaidh e gu làr,
chum dha nach mothaich neach:
Le laochraidh chum gun leagadh e
am bochd a’ gabhail seach.
11Is thubhairt e na chridhe fhèin,
Dhìochuimhnich Dia gun cheist:
Seadh, dh’fhalaich e a ghnùis an cèin,
cha lèir dha siud am feasd.
12Iehòbhah, èirich suas an àird,
a Dhia tha neartmhor treun,
Tog suas do làmh: ’s na dearmaid chaoidh
na deòraidh bhochd’ nam feum.
13Na daoine dona, cuim’ an dèan
iad tarcais ort, a Dhè?
An neach ud thubhairt na chridh’ fhèin,
chan fhiosraichear leat e.
14Chunnaic thu sin, oir dhut is lèir
gach dochair is gach spìd,
A-chum led làimh gun toir thu dhaibh
comain an uilc a nì ’d:
’S ann ortsa dh’fhàg an duine bochd
e fhèin a chur fo dhìon,
O ’s tu fear-cuidich agus neart
nan dìlleachdan gun mhaoin.
15Gàirdean an droch dhuin’ is an daoi
leòn thus’, is bhris, a Dhè;
Is rannsaich ’uile lochd gu geur,
gu ruig nach faighear e.
16Gu suthainn is gu sìorraidh fòs,
Iehòbhah tha na Rìgh:
Sgriosadh na cinnich as gu tur,
is ghlanadh as a thìr.
17Miann nan daoin’ umhail chual’ tu,
an cridhe nì thu gleusd’;
Is bheir thu air do chluais gu beachd Dhè;
an gearan-san gun èisd:
18A chumail ceirt ri dìlleachdain,
’s ri daoinibh brùite truagh’,
A-chum nach tugadh duin’ on ùir
nas mò air fòirneart luaidh.

Seçili Olanlar:

Sailm 10: SD1826

Vurgu

Paylaş

Kopyala

None

Önemli anlarınızın tüm cihazlarınıza kaydedilmesini mi istiyorsunuz? Kayıt olun ya da giriş yapın