Sailm 8

8
1Iehòbhah Dhia, cia mòr tha d’ainm
air feadh gach uile thìr!
Do ghlòir do shocraich thu os cionn
nam flaitheas is nan speur.
2A beul nan naoidh ’s nan cìochran maoth’
bhrìgh d’eascair dh’òrdaich neart,
An nàmhaid chum gun coisgeadh tu,
’s an dìoghaltach mì-cheart.
3Do speuran tràth thug mi fa-near,
obair do mheuran fhèin;
A’ ghealach is na reultan glan’,
a dh’òrdaich thu le chèil’;
4Duine ciod e, gun cuimhnichte,
no mhac gum fiosraicht’ leat?
5Den inbhe, ’s beag a chùm thu uaith’
air ’n d’fhuair na h-aingil ceart;
Oir chuir thu coron àlainn air,
le maise ’s glòir thar chàch.
6Air oibribh fòs do làmh thug thu
dha uachdranachd air fad.
Gach dùile chuir fo chasaibh dha,
a chruthaich thusa riamh:
7Caoraich, is buar, ’s gach ainmhidh fòs,
tha ’g imeachd air an t-sliabh.
8An eunlaith tha san adhar shuas,
an t-iasg a tha sa chuan,
’S na shiùbhlas fòs air slighe tuinn,
sin thug thu dha gu buan.
9A Dhia, ar Tighearn is ar Dia,
d’ainm-sa cia h-uasal e!
Air feadh gach talmhainn agus tìr
is mòr e siud, a Dhè.

Seçili Olanlar:

Sailm 8: SD1826

Vurgu

Paylaş

Kopyala

None

Önemli anlarınızın tüm cihazlarınıza kaydedilmesini mi istiyorsunuz? Kayıt olun ya da giriş yapın