N. Luc 13
13
XIII CAIB.
Riatanas a pheanais: a chraobh-fhige neo-thorach: leigheas na mna tinne: &c.
1Agus anns a cheart àm sin bha cuid san lathair, a dhʼinnis dha mu dheidhinn nan Galiléanach, dha na mheasgaich Pilat am fuil feadh an iobairtean.
2Agus thuirt e riu, ʼs e freagairt: Am beil sibh an dùil gun robh na Galiléanaich sin ʼnam peacaich fos cionn muinntir Ghalile uile: chionn gun dʼfhuilig iad leithid so?
3Cha robh, tha mi g-radh ribh: ach mur dian sibh peanas, bithidh sibh uile caillte mar an ciadna.
4No an saoil sibh cuideachd, gun robh na h-ochd fir dhiag sin, air na thuit an tùr ann an Siloé, ʼsa mharbh iad, fo fhiachan thar chach uile a bha tamh ann an Ierusalem?
5Cha robh, tha mi g-radh ribh: ach mur dian sibh peanas, bithidh sibh uile caillte mar an ciadna.
6Agus labhair e cuideachd an dubhfhacal so: Bha craobh-fhige aig duine àraidh air a suidheachadh ʼna fhionlios, us thainig e a shireadh meas oirre, agus cha dʼfhuair.
7Us thuirt e ri gairneilear an fhionlios: Seall, tha mi nis air tighinn fad thri bliadhna a shireadh meas air a chraoibh-fhige so, ʼs cha n-eil mi ga fhaighinn: uime sin gearr sios i; ciod uige bhuilichte talamh oirre?
8Ach fhreagair esan, us thuirt e ris: A thighearna, leig leatha a bhliadhna so fhathast, gus an cladhaich mi mun cuairt di, ʼs an cuir mi inneir rithe:
9Agus ma bheir i mach meas, is math: mur toir, faodaidh tu an sin a gearradh sios.
10Agus bha e teagasg ʼnan sinagog air laithean na sàbaid.
11Us seall boirionnach, aig an robh spiorad anfhannachd fad ochd bliadhna diag; agus bha i air a cromadh sios, ʼs cha bʼurrainn di amharc suas idir.
12Nuair a chunnaic Iosa i, ghairm e i ga ionnsuidh, us thuirt e rithe: A bhoirionnaich, tha thu air do shaoradh bho tʼ anfhannachd.
13Agus leag e a lamhan oirre, agus ghrad-dhʼfhas i direach, us thug i gloir do Dhia.
14Agus uachdran an t-sinagoig, ʼs e air a ghonadh gun do leighis Iosa air an t-sàbaid, a freagairt, thuirt e ris an t-sluagh: Tha sia latha ann air an còir obair a dhianamh: thigibh ma ta orra sin, agus bithibh air ur leigheas, ʼs cha n-ann air latha na sàbaid.
15ʼS thuirt an Tighearna, ʼse ga fhreagairt: A chealgairean, nach fuasgail gach aon agaibh air latha na sàbaid a dhamh no asal bho ʼn phrasaich, ʼs nach toir e thun an uisge e?
16Agus nach bu chòir an nighean so aig Abraham, a cheangail Satan, seall, a nis ochd bliadhna diag, a bhith air a fuasgladh bho ʼn chuibhreach so air latha na sàbaid?
17Agus nuair a thuirt e so bha ʼnaimhdean uile air an nàrachadh; ʼs bha an sluagh uile lan aoibhnis as na nichean glormhor so uile a rinneadh leis.
18Air an aobhar sin thuirt e; Co ris a tha rioghachd Dhe coltach, no co ris a shamhlaicheas mi i?
19Tha i coltach ri grainne de shiol mustairt, a ghabh duine ʼsa chuir e ʼna ghàradh, agus chinnich e, us dhʼ fhas e ʼna chraoibh mhoir; agus ghabh ianlaith an athair comhnuidh ʼna giagan.
20Us thuirt e rithist: Co ris a mheasas mi rioghachd Dhe a bhith coltach?
21Tha i coltach ri taois-ghoirt a ghabh té, ʼsa dhʼ fhalaich i an tri toimhsean mine, gus na ghoirticheadh an t-iomlan.
22Agus chaidh e air feadh nan caithrichean ʼs nam bailtean a teagasg, ʼsa gabhail a thuruis gu Ierusalem.
23Agus thuirt duine araid ris: A Thighearna, am beil iad tearc a bhios sabhailte? Ach thuirt e riu:
24Dianaibh stri gu dol a stigh air a gheata chumhann: a chionn, tha mi g-radh ribh, gun sir moran dol a stigh, agus nach urrainn daibh.
25Ach nuair a thig fear-an-tighe a stigh, ʼsa dhuineas e an dorus, tòisichidh sibhse ri seasamh am muigh, ʼs ri bualadh an doruis, a g-radh: A Thighearna, fosgail dhuinn; us esan a freagairt, their e ribh: Cha n-aithne dhomh sibh, co as a tha sibh.
26An sin teannaidh sibh ri radh: Dhʼ ich, us dhʼol sinn na dʼlathair, agus theagaisg thu ʼnar straidean.
27Us their e ribh: Cha n-aithne dhomh sibh, co as a tha sibh: dealaichibh rium, a luchd-dianamh an uilc.
28An sin bithidh gal, us giosgan fhiacal: nuair a chi sibh Abraham, agus Isaac, agus Iacob, agus na faidhean uile ann an rioghachd Dhe, us sibh fhein air ur tilgeadh a mach.
29Agus thig iad bho ʼn Ear, agus bho ʼn Iar, agus bho Thuath, agus bho Dheas, us suidhidh iad an rioghachd Dhe.
30Us, seall, tha iad air dheireadh a bhios air thoiseach, agus tha iad air thoiseach a bhios air dheireadh.
31Air an latha sin fhein thainig cuid de na Phairisich h-uige, a g-radh ris: Falbh, us imich á so: chionn tha Herod a sireadh do mharbhadh.
32Us thuirt e riu: Falbhaibh, agus innsibh do ʼn t-sionnach sin: Seall, tha mi tilgeadh a mach dheomhan, ʼsa dianamh leigheas an diugh, agus am màireach, agus air an treas latha criochnaichear mi.
33Ach feumaidh mi triall an diugh, am màireach, agus an latha an deigh sin: chionn cha n-fhaod e bhith gun cuirear faidh gu bàs a mach á Ierusalem.
34O Ierusalem, Ierusalem, a mharbhas na faidhean, ʼsa chlachas an fheadhainn a chuirear ad ionnsuidh, nach tric a bʼ aill leam do chlann a chruinneachadh, mar a chearc a h-àlach fo sgiathan, agus cha bʼaill leat?
35Seall, fagar ur tigh fàs dhuibh. Agus tha mi g-radh ribh nach fhaic sibh mise gus an tig an t-àm anns an abair sibh: Is beannaichte esan a tha tighinn an ainm an Tighearna.
Okuqokiwe okwamanje:
N. Luc 13: MacETN
Qhakambisa
Dlulisela
Kopisha
![None](/_next/image?url=https%3A%2F%2Fimageproxy.youversionapistaging.com%2F58%2Fhttps%3A%2F%2Fweb-assets.youversion.com%2Fapp-icons%2Fzu.png&w=128&q=75)
Ufuna ukuthi okuvelele kwakho kugcinwe kuwo wonke amadivayisi akho? Bhalisa noma ngena ngemvume
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017