N. Luc 4

4
IV. CAIB.
Traisgʼ us buaireadh Chriosta: an geur-leanmhuinn a dhʼ fhuilig e an Nasareth: a mhiarailtean ann an Capharnaum.
1Agus thill Iosa bho Iordan lan deʼn Spiorad Naomh; agus ghluaiseadh leis an Spiorad e do ʼn fhasach.
2Fad dà fhichead latha, agus bhuaireadh e leis an deomhan. ʼS cha dʼ ich e ni ré nan laithean sin; ʼs nuair a chaidh iad seachad bha acras air.
3Us thuirt an deomhan ris: Ma ʼs tu Mac De, abair ris a chloich so fàs ʼna h-aran.
4Us fhreagair Iosa e: Tha e sgriobhte: Nach ann air aran a mhain a tha ʼn duine tighinn beo, ach air h-uile facal De.
5Agus thug an deomhan e gu beinn aird, agus dhʼ fhiach e dha rioghachdan an domhain gu leir ann am mionaid na h-uarach,
6Us thuirt e ris: Bheir mi dhut a chumhachd so uile ʼs an gloir: oir thugadh dhomhsʼ iad, agus bheir mi iad doʼn neach is aill leam.
7Ma ni thu ma ta aoradh am lathair, is leat iad uile.
8Fhreagair Iosa, agus thuirt e ris: Tha e sgriobhte: Bheir thu aoradh do ʼn Tighearna do Dhia, agus dhasan a mhain ni thu seirbhis.
9Agus thug e gu Ierusalem e, agus chuir e air binnein an teampuill e, us thuirt e ris: Ma ʼs tu Mac De, tilg thu fhein sios á so.
10Oir tha e sgriobhte, gun tug e ordugh dha ainglean mu dʼ dheidhinn, iad ʼgad ghleidheadh:
11 ʼS ʼnan lamhan togaidh iad suas thu, eagal, ma dhʼ fhaoidte, gum buail thu do chas nʼ aghaidh cloiche.
12Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Tha e air a radh: Na buair an Tighearna do Dhia.
13ʼS nuair a sguir am buaireadh uile, dheilich an deomhan ris car uine.
14Agus thill Iosa ann an neart an Spioraid do Ghalile, agus chaidh iomradh uime feadh na ducha gu leir.
15Us theagaisg e ʼnan sinagogan, agus dhʼ ard-mholadh e leo uile.
16Agus thainig e gu Nasareth, far an deach àrach, ʼs chaidh e stigh doʼn t-sinagog, mar a chleachd e, air latha na sàbaid, agus dhʼ eirich e suas a leughadh.
17Agus thugadh dha leabhar an fhaidh Isaias. ʼSa fosgladh an leabhair, fhuair e an t-aite anns an robh e sgriobhte:
18 Tha Spiorad an Tighearna orm: air an aobhar sin dhʼung e mi gus an soisgeul a theagasg do na bochdan, chuir e mi a leigheas luchd a chridhe bhruite,
19 A shearmonachadh saorsa do dhaoine am braighdeanas, agus fradhairc do na doill, a dhʼfhuasgladh air an fheadhainn a tha bruite, a shearmonachadh bliadhna thaitneach an Tighearna, agus latha an ath-dhiolaidh.
20ʼS nuair a dhuin e an leabhar, thug e doʼn fhear-fhrithealaidh e, agus shuidh e. Us bha suilean na bha san t-sinagog uile a dearcadh air.
21Agus thòisich e ri cantuinn riu: An diugh thaʼn sgriobtur so air a choimhlionadh ʼnur cluasan.
22Us thug iad uile teisteanas dha: agus ghabh iad iongantas as na facail ghrasor a thainig a mach as a bhial, us thuirt iad: Nach e so mac Ioseiph?
23Us thuirt e riu: Gun teagamh their sibh an sean-fhacal so rium: A lighich, leighis thu fhein: dian nichean cho mor, ʼsa chuala sinn a rinn thu an Capharnaum, an so na dʼ dhuthaich fhein.
24Agus thuirt e: Gu deimhinn deiream ribh nach gabhar ri faidh air bith ʼna dhuthaich fhein.
25Gu firinneach deiream ribh: bha moran bhantrach ann an lài Eliais an Israel, nuair dhuineadh neamh fad thri bhadhna agus shia miosan, nuair bha gorta mhor feadh an talmhuinn gu leir:
26ʼS gu h-aon dhiu cha do chuireadh Elias, ach gu té a bha ʼna bantraich an Sarepta Shidonia.
27Agus bha ioma lobhar an Israel ri linn Eliséuis am faidh: ʼs cha do ghlanadh a h-aon diu, ach Naaman an Sirianach.
28Ri so a chluinntinn, lionadh iad uile a bha san t-sinagog le feirg.
29Us dhʼeirich iad suas, agus thilg iad a mach e as a bhaile; ʼs thug iad e gu maladh na beinne air na thogadh am baile aca, gus a thilgeadh sios an comhair a chinn.
30Ach esan a gabhail tromh am miadhon, shiubhail e.
31Agus chaidh e sios do Chapharnaum, baile ann an Galile, ʼs bha e gan teagasg an sin air laithean na sàbaid.
32Us bha iongantas orra as a theagasg: chionn bha bhriathran le cumhachd.
33Agus anns an t-sinagog bha duine anns an robh deomhan neoghlan, agus ghlaodh e le guth ard,
34A g-radh: Leig leinn, ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? an ann gus ur sgrios a thainig thu? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe.
35Agus chronaich Iosa e, a g-radh: Bi na dʼ thosd, us theirig a mach as. ʼS nuair thilg an deomhan e sios ʼnam miadhon, chaidh e mach as gun dochunn air bith a dhianamh air.
36Agus bhuail uamhas iad uile, us labhair iad ri cheile, a g-radh: Ciod e am facal so, oir le ughdaras ʼs le cumhachd tha e toirt orduigh do na spioraid neoghlan, agus tha iad a dol a mach?
37Agus sgaoil a chliu feadh gach aite deʼn duthaich.
38Agus dhʼeirich Iosa as an t-sinagog, us chaidh e stigh do thigh Shimoin. Agus bha mathair-cheile Shimoin air a glacadh le fiabhrus mor; agus ghuidh iad air ga taobh.
39ʼSa seasamh fos a cionn, dhʼàithn e air an fhiabhrus; us dhʼfhag e i. Agus ghrad-dhʼeirìch i, us fhritheil i dhaibh.
40ʼS nuair chaidh a ghrian fodha, thug iadsan uile, aig an robh daoine tinne le ioma seorsa ghalar, ga ionnsuidh iad. Agus esan a leagail a lamhan air gach aon dhiu, leighis e iad.
41Agus chaidh na deomhain a mach á moran, a glaodhaich ʼsa g-radh: Is tu Mac Dhe. Us gan cronachadh, cha leigeadh e leo labhairt; oir bʼaithne dhaibh gum bʼe an Criosta.
42ʼS nuair thainig an latha, a gabhail a mach chaidh e gu aite fàs, ʼs bha an sluagh ga shireadh, agus thainig iad ga ionnsuidh; us bha iad ga chumail, chum nach dealaicheadh e riu.
43Ach thuirt e riu: Feumaidh mi rioghachd Dhe shearmonachadh do bhailtean eile: oir ʼsann air son sin a chaidh mo chur.
44Agus shearmonaich e ann an sinagogan Ghalile.

Okuqokiwe okwamanje:

N. Luc 4: MacETN

Qhakambisa

Dlulisela

Kopisha

None

Ufuna ukuthi okuvelele kwakho kugcinwe kuwo wonke amadivayisi akho? Bhalisa noma ngena ngemvume