N. Luc 5
5
V. CAIB.
Glacadh miarailteach an eisg: leigheas an lobhair, agus fear an tinnis-chrithich: gairm Mhatu.
1Agus thachair, nuair a bha an sluagh a dianruith ga ionnsuidh gu facal De eisdeachd, gun robh e ʼna sheasamh ri taobh loch Ghenesareth.
2Agus chunnaic e dà shaghach ʼnan seasamh aig oir an loch: ach bha na h-iasgairean air tighinn asda, agus bha iad a nighe nan lion.
3ʼS air dha dol a stigh do h-aon de na saghaichean, bu le Simon, dhʼiarr e air tarruinn beagan bho thir. Agus air dha suidhe, theagaisg e an sluagh as an t-saghach.
4ʼS nuair sguir e a labhairt, thuirt e ri Simon: Tarruinn a mach thun na doimhne, us leigibh sios ur lin gu glacadh.
5Agus thuirt Simon ris, ʼs e freagairt: A Mhaighistir, shaothraich sinn fad na h-oidhche, ʼs cha do ghlac sinn dad: ach air tʼfhacalsa leigidh mi sios an lion.
6ʼS nuair rinn iad so, chuairtich iad tacar mor eisg, agus bha an lion a stracadh.
7Agus smeid iad air an companaich, a bha san t-saghach eile, iad a thighinn agus an cuideachadh. Us thainig iad, agus lion iad; an dà shaghach, ionnus gur beag nach robh iad a dol fodha.
8Nuair chunnaic Simon Peadar so, thuit e sios aig gluinean Iosa, a g-radh: Imich bhuam: oir is duine peacach mi, a Thighearna.
9Oir bʼanabarrach an t-iongantas a ghabh e, agus iadsan a bha comhla ris, as an tacar eisg a ghlac iad:
10Us mar an ciadna ghabh Seumas agus Eoin, mic Shebede, a bha ʼnan companaich aig Simon, iongantas. Us thuirt Iosa ri Simon: Na gabh eagal: á so suas glacaidh tu daoine.
11ʼSa tarruinn an saghaichean gu tir, dhʼfhag iad a h-uile ni, us lean iad e.
12Agus thachair, nuair bha e am baile araid, seall duine lan deʼn mhùir, ʼs e faicinn Iosa, thuit e air aghaidh, us ghuidh e air, a g-radh: Ma ʼs math leat, a Thighearna, is urrainn dhut mo ghlanadh.
13ʼSa sineadh a laimh, bhean e dha, a g-radh: Is math leam: Bi glan. Agus dhealaich a mhùir ris san uair.
14Us dhʼorduich e dha gun innseadh do neach sam bith, ach: Falbh, fiach thu fhein doʼn t-sagart, agus tairg air son do ghlanaidh air reir ʼs mar dhʼàithn Maois mar theisteanas dhaibh.
15Ach ʼsann is mua sgaoil a chliu; agus thainig an t-anabarr sluaigh cruinn gus ʼeisdeachd, agus gu bhith air an leigheas bhoʼ n easlaintean.
16Agus chaidh e lethtaobh doʼn fhasach, us rinn e urnaigh.
17ʼS air latha araid thachair, gun robh e ʼna shuidhe a teagasg. Agus ʼnan suidhe an sin mar an ciadna bha Phairisich agus ollamhan an lagha, a thainig as gach baile de Ghalile, ʼs de Iudéa, agus á Ierusalem: us bha feartan an Tighearna ann gus an leigheas.
18Agus, seall, ghiulain daoine air leabaidh fear, air an robh an tinneas-critheach, a sireadh a thoirt a stigh, ʼsa chur air a bhialaobh.
19ʼS nuair nach robh iad a faighinn doigh air a thoirt a stigh thaobh domhladas an t-sluaigh, dhirich iad gu mullach an tighe, agus leig iad sios e tromh na criadh-leacan le ʼleabaidh sa mhiadhon air bialaobh Iosa.
20Nuair chunnaic e an creideamh, thuirt e: A dhuine, tha do pheacannan mathte dhut.
21Agus thòisich na Sgriobhaich ʼs na Phairisich ri smaoineachadh, a g-radh: Co e so, a tha labhairt blais-bheum? Co is urrainn peacannan a mhathadh ach Dia ʼna aonar?
22Ach nuair thuig Iosa an smaointean, thuirt e riu, ʼs e freagairt: Ciod a tha sibh a smaoineachadh ʼnur cridheachan?
23Co dhiu is fhasa radh: Tha do pheacannan mathte dhut; no radh: Eirich, agus coisich?
24Ach los fios a bhith agaibh gum beil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (os esan ri fear na crithe): Tha mi g-radh riut, eirich, tog do leaba, us falbh gu do thigh.
25Agus san uair a g-eirigh suas ʼnan lathair, thug e leis an leaba air an robh e ʼna laidhe; us shiubhail e gu thigh, a toirt gloir do Dhia.
26Agus ghabh iad uile mor-ioghnadh, us thug iad gloir do Dhia. Agus lionadh iad le eagal, a g-radh: Chunnaic sinn nichean miarailteach an diugh.
27Agus an deigh nan nichean so dhʼfhalbh e, us chunnaic e cismhaor, dhaʼm bʼainm Lebhi, ʼna shuidhe aig tigh na cise, us thuirt e ris: Lean mise.
28ʼSa g-eirigh dhʼfhag e h-uile ni, us lean e e.
29Agus rinn Lebhi cuilm mhor dha ʼna thigh; agus bha cuideachda lionor chismhaor ann, ʼs de mhuinntir eile aig bord comhla riu.
30Ach rinn na Phairisich ʼs na Sgriobhaich aca monmhur, a g-radh ri dheisciopuil: Car-son tha sibh a g-ithe ʼsa g-ol comhla ri cismhaoir ʼs ri peacaich?
31Agus thuirt Iosa riu, ʼs e freagairt: Cha n-eil feum aig an fheadh ainn a tha slan air leigh, ach aig an fheadhainn a tha tinn.
32Cha tainig mi a ghairm nan ionraic ach nam peacach gu aithreachas.
33Agus thuirt iad ris: Car-son tha deisciopuil Eoin a trasgadh gu tric, ʼsa dianamh urnaigh, agus deisciopuil nam Phairiseach mar an ciadna: ach tha dʼfheadhainn-sa a g-iche ʼsa g-ol?
34Thuirt e riu: An urrainn duibh a thoirt air fleasgaich fear-na-bainnse traisg a dhianamh, fhad ʼsa bhios fear-na-bainnse comhla riu?
35Ach thig na lài air an toirear fear-na-bainnse bhuapa: an sin ni iad traisg sna laithean sin.
36Us labhair e cuideachd cosamhlachd riu: Chionn cha chuir gin sa bith breid á eideadh ùr air seann eideadh: air-neo riabaidh e an t-eideadh ùr, agus cha fhreagair am breid as an fhear ùr do ʼn t-seann fhear.
37Agus cha chuir duine air bith fìon ùr ann an seann searragan: air-neo stracaidh am fion ùr na searragan, agus doirtear e fhein, us caillear na searragan:
38Ach feumar fion ùr a chur ann an searragan ùra, agus tiarnar an dà chuid.
39Agus cha mhath le duine air bith, a tha g-ol seann fhiona, fìon ùr grad as a dheigh: oir their e: Se ʼn seann fhion is fhearr.
Okuqokiwe okwamanje:
N. Luc 5: MacETN
Qhakambisa
Dlulisela
Kopisha

Ufuna ukuthi okuvelele kwakho kugcinwe kuwo wonke amadivayisi akho? Bhalisa noma ngena ngemvume
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017