N. Luc 8
8
VIII. CAIB.
Dubhfhacal an t-sìl; Criosta cur casg air stoirm na mara: a tilgeadh a mach na legion: a leigheas siubhal-fala: ʼsa toirt beo nighean Iairuis.
1Agus thachair an deigh sin, gun do thriall e feadh chaithrichean agus bhailtean, a searmonachadh ʼsa teagasg soisgeul rioghachd Dhe; ʼs na dhà-dhiag maille ris,
2Agus boirionnaich araid, a leighiseadh bho dhroch spioraid ʼs bho easlaintean: Mairi, ris an canar Magdalen, as an deachaidh seachd deomhain a chur,
3Agus Ioanna bean Chusa, stiubhart Heroid, agus Susanna, agus moran eile, a bha ga fhreasdal le am maoin.
4ʼS nuair a chruinnich moran sluaigh, agus a ghreas iad orra ga ionnsuidh as na bailtean, labhair e ann an samhladh:
5Chaidh fear-cuir a mach a chur a shìl; ʼs nuair bha e cur, thuit cuid ri taobh an rathaid, agus shaltradh sios e, us dhʼich ianlaith an athair e.
6Agus thuit cuid eile air craig; ach cha luaithe dhʼfhas e, na shearg e as: chionn nach robh sugh aige.
7Agus thuit cuid eile measg dreighinn, agus dhʼ fhas an dreigheann, us thachd e e.
8Agus thuit cuid eile air talamh math; ʼs air dha fàs, thug e mach toradh ciad-fillte. ʼS nuair a labhair e na nichean so, dhʼeigh e: Am fear aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e.
9Agus dhʼfhaighnich a dheisciopuil dheth, ciod bu chiall do ʼn dubhfhacal so.
10Thuirt e riu: Thugadh dhuibhse eolas air mistire rioghachd Dhe, ach do chàch an dubhfhaclan; los a faicinn, nach leir dhaibh, ʼsa cluinntinn, nach tuig iad.
11A nis se so an dubh-fhacal: An siol se facal De e.
12Agus is iadsan ri taobh an rathaid an fheadhainn a dhʼeisdeas: an sin thig an deomhan agus sgobaidh e am facal as an cridhe, eagal le creidsinn gum bi iad sabhailte.
13Agus is iadsan air a chreig an fheadhainn, an deigh cluinntinn, a ghabhas ris an fhacal le aoibhneas: us aca sin cha n-eil friamh: oir tha iad a creidsinn car seal, ʼsa teicheadh an àm buairidh air falbh.
14ʼSa chuid a thuit am measg an dreighinn, ʼsiad sin iadsan a chuala, ʼsa dol a mach a tha air an tachdadh le ro-churam, ʼs le beartas, ʼs le àilleas na beatha so, ann an rathad ʼs nach eil iad a toirt a mach toraidh.
15Ach a chuid air an talamh mhath, ʼsiad sin iadsan, a chluinneas am facal le oridhe math agus ro-mhath, agus a ghleidheas e, ʼsa bheir mach toradh le faighidin.
16Cha n-eil neach sam bith air dha coinnneal a lasadh a chuireas i fo shaghach, no fo leabaidh: ach an coinnleir, los gum faic iadsan, a thig a stigh, an solus.
17Oir cha n-eil ni am falach, nach tig am follais; no an cleith, nach aithnichear, ʼs nach tig an uachdar.
18Thugaibh an aire ma ta ciamar a chluinneas sibh. Oir h-uile fear aig a bheil, bheirear dha, ʼs am fear aig nach eil, bheirear bhuaithe an ni fhein, a tha e saoilsinn a thʼ aige.
19Agus thainig a mhathair ʼsa bhraithrean ga ionnsuidh, ʼs cha b ʼurrainn daibh tighinn ʼna chòir leis an t-sluagh.
20Us thuirt cuideigin ris: Tha do mhathair ʼs do bhraithrean ʼnan seasamh a muigh, a g-iarraidh tʼ fhaicinn.
21Agus a freagairt, thuirt esan riu: ʼSiad mo mhathair agus mo bhraithrean an fheadhainn a dhʼeisdeas ri facal De, ʼsa ni e.
22Us thachair air latha araid gun deach e stigh do eathar, e fhein ʼsa dheisciopuil, agus thuirt e riu: Rachamaid gu taobh thall an loch. Agus ghabh iad a null.
23ʼS nuair a bha iad a seoladh, thuit esan ʼna chadal, us bhuail stoirm ghaoithe a nuas air an loch, agus bha an t-eathar a lionadh, agus iad fhein an cunnart.
24Us thainig iad, agus dhuisg iad e, a g-radh: A Mhaighistir, tha sinn a dol a dhith. Ach esan a g-eirigh, chronaich e ghaoth, agus onfhadh nan tonn, agus sguir e; us thainig fiath,
25Us thuirt e riu: Càit a bheil ur creideamh? Agus ghabh iadsan eagal us iongantas, a g-radh ri cheile: Co tha ʼn so, a shaoileas tu, oir tha e toirt orduigh do ʼn ghaoith ʼs do ʼn mhuir, agus tha iad umhailt dha?
26Us sheol iad gu duthaich nan Gerasenach, a tha thall mu choinneamh Ghalile.
27ʼS nuair thainig e air tir, choinnich fear araid e, anns an robh deomhan uine fhada, agus cha robh aodach air, ʼs cha mhua bha e tamh ann an tigh, ach anns na h-uaighean.
28Cho luath ʼsa chunnaic e Iosa, thuit e air aghaidh ʼna lathair; ʼsa g-eigheach le guth ard, thuirt e: Ciod e mo ghnothachsa riut, Iosa, a mhic an Ti is airde? Guidheam ort, na craidh mi.
29Oir thug e ordugh do ʼn spiorad neoghlan a dhol a mach as an duine. Oir bʼiomadh uair a ghlacadh e leis, agus bhathas ga cheangal le slabhruidhean, ʼs ga chumail le geimhlean; ʼsa bristeadh a chuibhrichean dhʼiomaineadh e leis an deomhan do dhʼ aiteachan fàs.
30Agus dhʼfharraid Iosa dheth, a g-radh: Cʼainm a thʼort? Ach thuirt e: Legion: a bhrigh gun robh ioma deomhan air dol a stigh ann.
31Agus ghuidh iad air, nach orduicheadh e dhaibh dol do ʼn aigeal.
32Us bha treud mhor mhuc a g-ionaltradh air a bheinn; agus ghuidh iad air leigeil leo dhol a stigh unnta. Agus leig e leo.
33An sin chaidh na deomhain a mach as an duine, us ghabh iad a stigh sna mucan; agus ruith an treud ʼnan deann an comhair an cinn do ʼn loch, agus thachdadh iad.
34Cho luath ʼsa chunnaic na buachaillean mar thachair, theich iad, agus dhʼinnis iad sa bhaile e, agus sna frith-bhailtean.
35Us chaidh iad a mach a choimhead ciod a rinneadh, agus thainig iad gu Iosa; agus fhuair iad an duine, as an dʼfhalbh na deomhain, ʼna shuidhe aig a chasan, ʼna aodach us ceart ʼna inntinn, agus ghabh iad eagal.
36Agus dhʼinnis iadsan cuideachd, a chunnaic, dhaibh, ciamar a leighiseadh e bho ʼn legion.
37Agus ghrios muinntir duthaich nan Gerasenach uile air falbh bhuatha: oir bu mhor an t-eagal a ghabh iad. ʼSa dol air bord an t-saghaich, thill e air ais a rithisd.
38Us ghuidh an duine, as an deach na deomhain, air, e bhith cuide ris. Ach chuir Iosa air falbh e, a g-radh:
39Till gu do thigh, agus innis cia mor na nichean a rinn Dia dhut. Agus shiubhail e feadh a bhaile uile a foillseachadh cia mor na nichean a rinn Iosa dha.
40Us thachair an deigh do Iosa tilleadh, gun do ghabh an sluagh gu toileach ris: oir bha iad uile ga fheitheamh.
41Agus, seall, thainig duine, dha ʼm bʼainm Iairus, agus bha e ʼna riaghladair air an t-sinagog; us thuit e aig casan Iosa, a guidhe air, e thighinn gu thigh:
42Oir bha an aon nighean a bhʼaige, ʼs i teann air dà bhliadhna dhiag, a faighinn a bhàis. Us thachair, ʼs e triall, gun robh e air a theannachadh leis an t-sluagh.
43Agus bha boirionnach araid ann, air an robh siubhal fala fad dà bhliadhna dhiag, a bha air a cuid uile a chosg ri lighichean, ʼs nach gabhadh a leigheas le h-aon diu:
44Thainig ise air a chulaobh, us bhean i do iomall aodaich; agus ghrad-stad a siubhal fala.
45Us thuirt Iosa: Co bhean domh? Nuair bha iad uile a g-aicheadh, thuirt Peadar agus iadsan a bha comhla ris: A Mhaighistir, tha ʼn sluagh ga dʼ dhomhlachadh ʼs ga dʼ theannachadh, ʼs am beil thu radh: Co bhean domh?
46Us thuirt Iosa: Bhean cuideigin domh: oir tha mi g-aithneachadh gun deach feartan a mach bhuam.
47ʼS am boirionnach, ʼs i faicinn nach robh i an cleith, thainig i air chrith, agus thuit i aig a chasan: us dhʼ innis i an lathair an t-sluaigh uile, an t-aobhar a bhʼaice air beantuinn da, ʼs mar chaidh a grad-leigheas.
48Us thuirt e rithe: A nighean, rinn do chreideamh slan thu: falbh an sith.
49Nuair a bha e fhathast a labhairt, thainig fear gu riaghladair an t-sinagoig, a g-radh ris: Chaochail do nighean, na cuir dragh air.
50Ach nuair chual Iosa so, fhreagair e athair na h-ighinn: Na gabh eagal, creid a mhain, agus bithidh i slan.
51ʼS nuair rainig e an tigh, cha do leig e le h-aon air bith dol a stigh maille ris, ach Peadar, agus Seumas, agus Eoin, agus athair us mathair na caileige.
52Us bha iad uile a gal ʼsa caoineadh air a son. Ach thuirt esan: Na bithibh a gal, cha n-eil a chaileag marbh, ach ʼna cadal.
53Agus rinn iad gàire-magaidh air, us fios aca gun robh i marbh.
54Ach esan a breith air laimh oirre, dhʼeigh e, a g-radh: A chaileag, eirich.
55Agus thill a spiorad rithe, us ghrad-dhʼeirich i. Agus dhʼorduich e biadh a thoirt dhi.
56Us ghabh a parantan uamhas, agus dhʼàithn e orra gun innseadh na rinneadh do neach air bith.
Okuqokiwe okwamanje:
N. Luc 8: MacETN
Qhakambisa
Dlulisela
Kopisha
![None](/_next/image?url=https%3A%2F%2Fimageproxy.youversionapistaging.com%2F58%2Fhttps%3A%2F%2Fweb-assets.youversion.com%2Fapp-icons%2Fzu.png&w=128&q=75)
Ufuna ukuthi okuvelele kwakho kugcinwe kuwo wonke amadivayisi akho? Bhalisa noma ngena ngemvume
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

:
Qhakambisa
Dlulisela
Kopisha
![None](/_next/image?url=https%3A%2F%2Fimageproxy.youversionapistaging.com%2F58%2Fhttps%3A%2F%2Fweb-assets.youversion.com%2Fapp-icons%2Fen.png&w=128&q=75)