Eòin 7
7
Ìosa a' Dol gu Fèill nam Pàillean
1Às dèidh seo, bha Ìosa a' dol mun cuairt ann an Galile. Oir cha robh e airson a dhol mun cuairt ann an Iudèa a chionn 's gun robh na h‑Iùdhaich ag iarraidh a mharbhadh. 2A‑nis bha Fèill Iùdhach nam Pàillean faisg. 3Mar sin thuirt a bhràithrean ris, “Fàg an t‑àite seo agus thalla a dh'Iudèa airson 's gum faic na deisciobail agad cuideachd na h‑obraichean a tha thu a' dèanamh. 4Oir cha dèan neach sam bith obair air falach ma tha e ag iarraidh a bhith air fhaicinn gu follaiseach. Ma tha thu a' dèanamh nan rudan seo, seall thu fhèin dhan t‑saoghal.” 5Oir cha robh fiù 's a bhràithrean a' creidsinn ann.
6Mar sin thuirt Ìosa riutha, “Cha tàinig m' àm‑sa fhathast; ach tha ur n‑àm‑se an‑còmhnaidh ann. 7Chan urrainn dhan t‑saoghal sibhse fhuathachadh; ach tha fuath aige dhòmhsa a chionn 's gu bheil mi a' toirt fianais ma dheidhinn gu bheil na h‑obraichean aige olc. 8Rachaibh‑se suas chun na Fèille. Chan eil mise a' dol suas chun na Fèille seo, oir chan eil m' àm fhathast air a choileanadh.” 9Às dèidh dhàsan na rudan seo a ràdh, dh'fhan e ann an Galile.
10Ach, às dèidh dha a bhràithrean a dhol suas chun na Fèille, an uair sin chaidh esan cuideachd suas, cha b' ann gu poblach ach gu dìomhair. 11Bha na h‑Iùdhaich a' coimhead air a shon aig an Fhèill agus a' faighneachd, “Càit a bheil an duine sin?”
12Agus bha tòrr borbhain ma dheidhinn a' dol am measg an t‑sluaigh. Thuirt cuid, “Is e duine math a th' ann.”
Thuirt feadhainn eile, “Chan e, tha e a' mealladh an t‑sluaigh.” 13A dh'aindeoin sin, cha do bhruidhinn duine sam bith gu fosgailte ma dheidhinn air eagal nan Iùdhach.
Ìosa a' Teagasg aig an Fhèill
14Mu mheadhan na Fèille chaidh Ìosa suas dhan teampall agus thòisich e a' teagasg. 15Ghabh na h‑Iùdhaich iongnadh mòr agus dh'fhaighnich iad, “Ciamar a tha an duine seo cho ionnsaichte, agus nach d' fhuair e foghlam?”
16Mar sin fhreagair Ìosa, “Chan ann leam fhèin a tha mo theagasg, ach leis‑san a chuir a‑mach mi. 17Ma tha neach sam bith ag iarraidh toil Dhè a dhèanamh, bidh fios aige mun teagasg, an ann o Dhia a tha e, no a bheil mise a' bruidhinn uam fhèin. 18An neach a bhruidhneas uaithe fhèin, tha e a' lorg glòir air a shon fhèin, ach ge b' e a shireas glòir an aoin a chuir a‑mach e, tha esan fìrinneach; chan eil eucoir sam bith ann. 19Nach tug Maois an lagh dhuibh? Agus fhathast chan eil aon neach agaibh a' coileanadh an lagha. Carson a tha sibh a' feuchainn ri mise a mharbhadh?”
20Fhreagair an sluagh, “Tha deamhan annad. Cò a tha a' feuchainn rid mharbhadh?”
21Fhreagair Ìosa iad, “Rinn mise aon obair, agus tha iongnadh oirbh uile. 22Thug Maois dhuibh an timcheall‑ghearradh (ged nach ann o Mhaois a tha e, ach o na h‑athraichean), agus air sgàth sin timcheall‑ghearraidh sibhse duine air an t‑Sàbaid. 23Ma tha duine a' faighinn timcheall‑ghearradh air an t‑Sàbaid, airson 's nach bi lagh Mhaois air a bhriseadh, a bheil sibh feargach riumsa a chionn 's gun do rinn mi duine gu h‑iomlan slàn air an t‑Sàbaid? 24Na bithibh a' toirt breith a rèir coltais, ach thoiribh breith cheart.”
An e Ìosa an Crìosd?
25Mar sin thòisich cuid de mhuinntir Ierusaleim air a ràdh, “Nach e seo esan a tha iad a' feuchainn ri a mharbhadh? 26Agus, seall, tha e a' bruidhinn gu follaiseach agus chan eil iad ag ràdh rud sam bith ris. An urrainn dha a bhith gu bheil fios cinnteach aig na riaghladairean gur e seo dha‑rìribh Crìosd? 27Ge‑tà, is aithne dhuinn cò às a tha an duine seo; ach nuair a thig Crìosd, cha bhi fios aig neach sam bith cò às a tha e.”
28Mar sin, fhad 's a bha e fhathast a' teagasg anns an teampall, dh'èigh Ìosa, “Is aithne dhuibh mise agus cò às a tha mi. Ach cha tàinig mi uam fhèin. Tha esan a chuir a‑mach mi fìor, agus chan aithne dhuibhse e. 29Tha eòlas agamsa air, a chionn 's gur ann uaithe a tha mi, agus gun do chuir esan a‑mach mi.”
30Dh'fheuch iad ri a ghlacadh, ach cha do chuir neach sam bith làmh air, a chionn 's nach robh an uair aige fhathast air tighinn. 31Ach chreid mòran dhen t‑sluagh ann. Thuirt iad, “Nuair a thig Crìosd, an dèan e barrachd chomharraidhean mìorbhaileach na rinn an duine seo?”
32Chuala na Pharasaich an sluagh a' borbhanaich nan rudan seo ma dheidhinn; agus chuir na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich seirbheisich an teampaill airson a ghlacadh.
33Thuirt Ìosa, “Bidh mi còmhla ribh airson ùine bheag fhathast, agus an uair sin tha mi a' dol chun an aoin a chuir a‑mach mi. 34Siridh sibh mi, ach cha lorg sibh mi; agus far am bi mise, chan urrainn dhuibhse tighinn.”
35Mar sin thuirt na h‑Iùdhaich nam measg fhèin, “Càit a bheil am fear seo an dùil a dhol, airson 's nach lorg sinn e? An tèid e gu ar muinntir a th' air an sgapadh am measg nan Greugach, agus an teagaisg e na Greugaich? 36Dè a bha e a' ciallachadh nuair a thuirt e, ‘Siridh sibh mi, ach cha lorg sibh mi; agus far am bi mise, chan urrainn dhuibhse tighinn’?”
37Air an latha mu dheireadh dhen Fhèill, an latha mòr, sheas Ìosa agus dh'èigh e, “Ma tha pathadh air neach sam bith, thigeadh e thugamsa agus òladh e. 38Ge b' e cò a chreideas annamsa, mar a tha an Sgriobtar air a ràdh, sruthaidh aibhnichean de dh'uisge beò às a bhroinn.” 39Ach thuirt e seo mun Spiorad a bha iadsan a bha a' creidsinn ann a' dol a dh'fhaighinn, oir cha robh an Spiorad fhathast air a bhuileachadh, air sgàth 's nach robh Ìosa fhathast air a ghlòrachadh.
40Nuair a chuala iad na briathran seo, thuirt cuid dhen t‑sluagh, “Is e seo gu fìrinneach am Fàidh.”
41Thuirt feadhainn eile, “Is e seo an Crìosd.”
Ach thuirt buidheann eile, “Chan ann o Ghalile a thig an Crìosd, an ann? 42Nach tuirt an Sgriobtar gun tig an Crìosd o shìol Dhaibhidh, agus à Betlehem, am baile anns an robh Daibhidh?” 43Mar sin dh'èirich sgaradh am measg an t‑sluaigh air a sgàth‑san. 44Bha cuid dhiubh ag iarraidh a ghlacadh, ach cha do chuir duine sam bith làmh air.
Eas‑Creideamh nan Riaghladairean Iùdhach
45Mar sin thàinig seirbheisich an teampaill gu na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich, agus thuirt iad riutha, “Carson nach tug sibh leibh e?”
46Fhreagair na seirbheisich, “Cha do bhruidhinn neach sam bith riamh mar an duine seo.”
47Mar sin fhreagair na Pharasaich, “Cha deach sibhse cuideachd a thoirt air seachran, an deach? 48Cha do chreid aon sam bith dhe na riaghladairean, no dhe na Pharasaich ann, an do chreid? 49Ach an sluagh seo aig nach eil eòlas air an lagh, tha iad mallaichte.”
50Dh'fhaighnich Nicodèmus, a bha air a dhol thuige roimhe, agus a bha na aon dhe na Pharasaich, dhaibh, 51“A bheil an lagh againne a' toirt breith air cuideigin gun a bhith fiù 's a' cluinntinn uaithe fhèin an toiseach, agus a' faighinn a‑mach dè a tha e a' dèanamh?”
52Fhreagair iadsan, “Chan ann o Ghalile a tha thusa cuideachd, an ann? Rannsaich, agus faic nach eil fàidh ag èirigh à Galile.”
53 # 7:53 Chan eil
Eòin 7:53—8:11
anns na làmh‑sgrìobhainnean as tràithe. Agus chaidh gach aon dhan taigh aige fhèin.
Избрани в момента:
Eòin 7: ATN
Маркирай стих
Споделяне
Копиране
Искате ли вашите акценти да бъдат запазени на всички ваши устройства? Регистрирайте се или влезте
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024