YouVersion Logo
Search Icon

Gnìomharan 10

10
1Agus bha duine àraidh ann an Cesarèa, dom b’ainm Cornelius, ceannard-ceud den chuideachd ris an abrar a’ chuideachd Eadailteach,
2Duine cràbhach, agus air an robh eagal Dhè maille ra thaigh uile, a bha a’ toirt mòran dèirce don t‑sluagh, agus a’ dèanamh ùrnaigh ri Dia a‑ghnàth.
3Chunnaic e ann an sealladh gu soilleir, mu thimcheall na naoidheamh uaire den là, aingeal Dhè a’ teachd a‑steach da ionnsaigh, agus ag ràdh, A Chorneliuis.
4Agus air dhàsan amharc gu geur air, ghabh e eagal, agus thubhairt e, Ciod e, a Thighearna? Agus thubhairt e ris, Chaidh d’ùrnaighean agus do dhèircean suas mar chuimhneachan ann am fianais Dhè.
5Agus a‑nis cuir daoine gu Iopa, agus cuir fios air Sìmon, don co‑ainm Peadar:
6Tha e air aoidheachd maille ri Sìmon àraidh, fear-deasachaidh leathair, aig a bheil a thaigh làimh ris an fhairge: innsidh esan dhut ciod as còir dhut a dhèanamh.
7Agus nuair a dh’fhalbh an t‑aingeal a labhair ri Cornelius, ghairm e da ionnsaigh dithis de mhuinntir a thaighe, agus saighdear cràbhach den dream a bha a‑ghnàth a’ feitheamh air;
8Agus nuair a chuir e an t‑iomlan an cèill dhaibh, chuir e iad gu Iopa.
9Agus air an là màireach, nuair a bha iadsan air an turas, agus a’ teachd am fagas don bhaile, chaidh Peadar suas air mullach an taighe a dhèanamh ùrnaigh, mu thimcheall na siathamh uaire.
10Agus dh’fhàs e ro‑acrach, agus bu mhiann leis biadh ithe: ach am feadh a bha iadsan ag ullachadh, thuit e ann an neul.
11Agus chunnaic e nèamh fosgailte, agus soitheach àraidh a’ teachd a‑nuas da ionnsaigh, mar bhraith-lìn mhòir, ceangailte air a ceithir oisnean, agus air a leigeadh sìos air an talamh;
12Anns an robh gach uile ghnè bheathaichean ceithir-chasach na talmhainn, agus bheathaichean allta, agus bhiasdan snàigeach, agus eunlaith an adhair.
13Agus thàinig guth da ionnsaigh, Eirich, a Pheadair; marbh agus ith.
14Ach thubhairt Peadar, Chan eadh, a Thighearna; oir cha d’ith mi riamh aon nì coitcheann no neòghlan.
15Agus thubhairt an guth ris a‑rìs an dara uair, Na nithean sin a ghlan Dia, na gairm thusa coitcheann.
16Agus rinneadh seo trì uairean: agus thogadh an soitheach a‑rìs suas gu nèamh.
17A‑nis nuair a bha Peadar fo amharas ann fhèin ciod a bu chiall don t‑sealladh a chunnaic e, feuch, bha na daoine a chuireadh o Chornelius, an dèidh dhaibh taigh Shìmoin iarraidh, nan seasamh aig an doras,
18Agus air gairm dhaibh, dh’fheòraich iad an robh Sìmon, don co‑ainm Peadar, air aoidheachd an sin.
19Am feadh a bha Peadar a’ smaoineachadh air an t‑sealladh, thubhairt an Spiorad ris, Feuch, tha triùir dhaoine gad iarraidh.
20Uime sin èirich, agus gabh sìos, agus imich maille riu, gun amharas air bith a bhith ort: oir is mise a chuir uam iad.
21Agus chaidh Peadar sìos a‑chum nan daoine (a chuireadh da ionnsaigh o Chornelius), agus thubhairt e, Feuch, is mise an tì a tha sibh ag iarraidh: ciod e an t‑adhbhar mun tàinig sibh?
22Agus thubhairt iadsan, Fhuair Cornelius an ceannard-ceud, duine cothromach air a bheil eagal Dhè, agus fo dheagh ainm aig cinneach nan Iùdhach uile, rabhabh o Dhia le aingeal naomh, fios a chur ortsa da thaigh, agus briathran a chluinntinn uat.
23An sin ghairm e a‑steach iad, agus thug e aoidheachd dhaibh. Agus air an là màireach dh’imich Peadar maille riu, agus chaidh dream àraidh de na bràithrean o Iopa maille ris.
24Agus air an là màireach chaidh iad a‑steach do Chesarèa: agus bha Cornelius a’ feitheamh riu, agus air gairm a luchd-dàimh agus a chàirdean dìleas an ceann a chèile.
25Agus nuair a bha Peadar a’ dol a‑steach, choinnich Cornelius e, agus thuit e sìos aig a chasan, agus rinn e adhradh dha.
26Ach thog Peadar suas e, ag ràdh, Seas suas; is duine mise mar an ceudna.
27Agus a’ còmhradh ris, chaidh e a‑steach, agus fhuair e mòran cruinn.
28Agus thubhairt e riu, Tha fhios agaibh gu bheil e mì‑dhligheach do dhuine a tha na Iùdhach coluadar a chumail ri neach a tha de chinneach eile, no teachd am fagas dha; ach nochd Dia dhòmhsa gun duine air bith a ghairm coitcheann no neòghlan.
29Uime sin thàinig mi nuair a chuireadh fios orm, gun aon nì a ràdh na aghaidh: air an adhbhar sin tha mi a’ feòraich carson a chuir sibh fios orm?
30Agus thubhairt Cornelius, On cheathramh là gus an uair seo bha mi a’ dèanamh trasgaidh; agus air an naoidheamh uair bha mi a’ dèanamh ùrnaigh nam thaigh, agus, feuch, sheas duine am làthair ann an aodach dealrach.
31Agus thubhairt e, A Chorneliuis, fhuair d’ùrnaigh èisdeachd, agus tha do dhèircean air an cuimhneachadh am fianais Dhè.
32Uime sin cuir gu Iopa, agus cuir fios air Sìmon, don co‑ainm Peadar; tha e air aoidheachd ann an taigh Shìmoin, fear-deasachaidh leathair, làimh ris a’ mhuir; neach, nuair a thig e, a labhras riut.
33Uime sin chuir mi air ball fios ort; agus is math a rinn thu teachd. Air an adhbhar sin tha sinne uile an seo an làthair ann am fianais Dhè, a dh’èisdeachd nan uile nithean a tha air an àithneadh dhutsa le Dia.
34An sin dh’fhosgail Peadar a bheul, agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ag aithneachadh nach eil Dia ag amharc air pearsa seach a chèile:
35Ach anns gach uile chinneach tha an neach air a bheil a eagal-san, agus a tha ag obrachadh fìreantachd, taitneach dha.
36Am facal a chuir Dia gu cloinn Israeil a’ searmonachadh sìthe tre Iosa Crìosd (neach as e Tighearna nan uile),
37Am facal sin is aithne dhuibh, a sgaoileadh air feadh tìr Iudèa uile, agus a thòisich o Ghalile, an dèidh a’ bhaistidh a shearmonaich Eòin:
38Cionnas a dh’ung Dia Iosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh, agus le cumhachd; neach a chaidh mun cuairt a’ dèanamh maith, agus a’ slànachadh nan uile a bha air an sàrachadh leis an diabhal: oir bha Dia maille ris.
39Agus tha sinne nar fianaisean air na h‑uile nithean a rinn e, araon ann an tìr nan Iùdhach, agus ann an Ierusalem; neach a mharbh iad, ga chrochadh air crann:
40Esan thog Dia suas air an treas là, agus nochd e e gu follaiseach;
41Chan ann don t‑sluagh uile, ach do fhianaisean, a thaghadh le Dia ro‑làimh, eadhon dhuinne, a dh’ith agus a dh’òl maille ris an dèidh dha èirigh o na mairbh.
42Agus dh’àithn e dhuinne searmonachadh don t‑sluagh, agus fianais a dhèanamh gur esan a dh’òrdaicheadh le Dia na bhritheamh air beò agus air marbh.
43Dhàsan tha na fàidhean uile a’ toirt fianais, gum faigh gach neach a chreideas ann maitheanas nam peacaidhean tre a ainm-san.
44Am feadh a bha Peadar fhathast a’ labhairt nam briathran sin, thùirling an Spiorad Naomh orrasan uile a chuala am facal.
45Agus ghabh na creidmhich den timcheall-ghearradh, a mheud dhiubh is a thàinig maille ri Peadar, iongantas mòr, do bhrìgh gun do dhòirteadh air na Cinnich mar an ceudna tìodhlac an Spioraid Naoimh.
46Oir chuala iad iad a’ labhairt le teangaidhean, agus ag àrd-mholadh Dhè. An sin fhreagair Peadar,
47Am faod neach sam bith uisge a thoirmeasg, a‑chum nach rachadh iad seo a bhaisteadh, a fhuair an Spiorad Naomh, cho math rinne?
48Agus dh’òrdaich e iad a bhith air am baisteadh ann an ainm an Tighearna. An sin ghuidh iad air fantainn maille riu làithean àraidh.

Currently Selected:

Gnìomharan 10: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Gnìomharan 10