Gnìomharan 11
11
1Agus chuala na h‑abstoil agus na bràithrean a bha ann an Iudèa gun do ghabh na Cinnich mar an ceudna ri facal Dhè.
2Agus nuair a chaidh Peadar suas gu Ierusalem, rinn iadsan a bha den timcheall-ghearradh connspaid ris,
3Ag ràdh, Chaidh thu a‑steach a dh’ionnsaigh dhaoine nach robh air an timcheall-ghearradh, agus dh’ith thu maille riu.
4Agus thòisich Peadar, agus chuir e an t‑iomlan an cèill dhaibh an òrdagh, ag ràdh,
5Bha mi ann am baile Iopa ri ùrnaigh; agus ann an neul chunnaic mi sealladh, soitheach àraidh a’ teachd a‑nuas, mar bhraith-lìn mhòir, air a leigeadh a‑nuas o nèamh air a ceithir oisnean; agus thàinig i am ionnsaigh-sa.
6Agus air dhomh beachdachadh gu geur oirre, thug mi fa‑near, agus chunnaic mi beathaichean ceithir-chasach na talmhainn, agus na fiadh-bheathaichean, agus na biasdan-snàigeach, agus eunlaith an adhair.
7Agus chuala mi guth ag ràdh rium, Eirich, a Pheadair; marbh agus ith.
8Ach thubhairt mise, Chan eadh, a Thighearna: oir cha deachaidh riamh aon nì coitcheann no neòghlan a‑steach dom bheul.
9Ach fhreagair an guth mi an dara uair o nèamh, Na nithean a ghlan Dia na meas thusa neòghlan.
10Agus rinneadh seo trì uairean: agus thogadh an t‑iomlan a‑rìs suas gu nèamh.
11Agus, feuch, air ball bha triùir dhaoine air teachd a‑chum an taighe anns an robh mi, a chuireadh o Chesarèa am ionnsaigh.
12Agus thubhairt an Spiorad rium dol maille riu, gun amharas air bith a bhith orm. Agus chaidh mar an ceudna an t‑sianar bhràithrean seo maille rium, agus chaidh sinn a‑steach do thaigh an duine:
13Agus nochd e dhuinn cionnas a chunnaic e aingeal na sheasamh na thaigh, a thubhairt ris, Cuir daoine gu Iopa, agus cuir fios air Sìmon, don co‑ainm Peadar;
14Neach a labhras briathran riut, leis an tèarnar thu fhèin agus do thaigh uile.
15Agus nuair a thòisich mi air labhairt, thùirling an Spiorad Naomh orrasan, mar oirnne air tùs.
16An sin chuimhnich mise facal ar Tighearna, mar a thubhairt e, Bhaist Eòin gun amharas le uisge; ach baistear sibhse leis an Spiorad Naomh.
17Uime sin ma thug Dia dhaibhsan a cho-ionnan tìodhlac rinne, a chreid anns an Tighearna Iosa Crìosd, cò mise gum bithinn comasach bacadh a chur air Dia?
18Agus nuair a chuala iad na nithean seo, thosd iad, agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Thug Dia mas eadh mar an ceudna do na Cinnich aithreachas a‑chum na beatha.
19A‑nis chaidh iadsan a sgapadh a‑mach leis an àmhghar a dh’èirich airson Stèphein gu ruig Phenice, agus Cìprus, agus Antioch, gun am facal a labhairt ri aon neach ach ris na h‑Iùdhaich a‑mhàin.
20Agus bha cuid dhiubh o Chìprus, agus o Chirène, dream air dhaibh dol a‑steach do Antioch, a labhair ris na Greugaich, a’ searmonachadh an Tighearna Iosa.
21Agus bha làmh an Tighearna maille riu: agus chreid àireamh mhòr, agus thill iad a‑chum an Tighearna.
22Agus thàinig sgeul air na nithean sin gu cluasan na h‑eaglais a bha ann an Ierusalem; agus chuir iad Barnabas uapa, a‑chum gu rachadh e gu Antioch:
23Neach nuair a thàinig e, agus a chunnaic e gràs Dhè, a rinn gàirdeachas, agus a dh’earalaich orra uile gun dlùth-leanadh iad ris an Tighearna le rùn cridhe.
24Oir bha e na dhuine math, agus làn den Spiorad Naomh, agus de chreideamh. Agus chuireadh sluagh mòr ris an Tighearna.
25An sin chaidh Barnabas gu Tarsas a dh’iarraidh Shauil.
26Agus air dha a fhaotainn, thug e leis e gu Antioch. Agus thàrladh gu robh iad rè bliadhna iomlain air an cruinneachadh maille ris an eaglais, agus gun do theagaisg iad sluagh mòr. Agus ghoireadh Crìosdaidhean de na deisciobail air tùs ann an Antioch.
27Agus anns na làithean sin thàinig fàidhean o Ierusalem gu Antioch.
28Agus air seasamh suas do aon dhiubh dom b’ainm Agabus, dh’fhoillsich e tron Spiorad gum biodh gorta mhòr air feadh an domhain uile: nì mar an ceudna a thachair ri linn Chlaudiuis Chèasair.
29An sin chuir gach aon de na deisciobail roimhe, a rèir a chomais, còmhnadh a chur a‑chum nam bràithrean a bha a chòmhnaidh ann an Iudèa.
30Nì mar an ceudna a rinn iad, agus chuir iad e a‑chum nan seanairean le làimh Bharnabais agus Shauil.
Currently Selected:
Gnìomharan 11: ABG1992
Highlight
Share
Copy
![None](/_next/image?url=https%3A%2F%2Fimageproxy.youversionapistaging.com%2F58%2Fhttps%3A%2F%2Fweb-assets.youversion.com%2Fapp-icons%2Fen.png&w=128&q=75)
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017