Genesis 22
22
1 Àithne air a tabhairt do Abrahàm gun ìobradh e a mhac Isaac. 3 Tha e a’ toirt dearbhaidh air a chreidimh agus air ùmhlachd. 13 Reithe air ìobradh ann an àit Isaaic.
1Agus an dèidh nan nithean sin dhearbh Dia Abrahàm#Deut 8:2; 2 Each 32:31; Gnà 17:3; Eabh 11:17; Seum 1:12; 1 Pead 1:7, agus thubhairt e ris, Abrahàim: agus thubhairt e, Feuch, tha mi an seo#22:1 feuch mi..
2Agus thubhairt esan, Gabh a‑nis do mhac, d’aon mhac Isaac, as ionmhainn leat, agus rach do thìr Mhoriah#2 Each 3:1; agus thoir suas an sin e mar thabhartas‐loisgte air aon de na beanntan a dh’innseas mise dhut.
3Agus dh’èirich Abrahàm gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’uidheamaich e a asal, agus ghabh e dithis de a òganaich maille ris, agus a mhac Isaac; agus sgoilt e fiodh airson an tabhartais‐loisgte, agus dh’èirich e suas, agus chaidh e don àit a dh’innis Dia dha.
4A‑nis air an treas là thog Abrahàm suas a shùilean, agus chunnaic e an t‑àite fada uaithe.
5Agus thubhairt Abrahàm ra òganaich, Fanaibh‐se an seo maille ris an asal; agus thèid mise agus an gille gu ruige siud, agus nì sinn adhradh, agus thig sinn a‑rìs dur n‑ionnsaigh.
6Agus ghabh Abrahàm fiodh an tabhartais‐loisgte, agus chuir e e air muin a mhic Isaac#Eòin 19:17; agus ghabh e na làimh an teine, agus an sgian; agus dh’imich iad le chèile cuideachd.
7Agus labhair Isaac ra athair Abrahàm, agus thubhairt e, Athair: agus thubhairt esan, Feuch, tha mi an seo, a mhic. Agus thubhairt e, Feuch an teine agus am fiodh: ach càit a bheil an t‑uan#22:7 no, meann. airson tabhartais‐loisgte?
8Agus thubhairt Abrahàm, Gheibh Dia, a mhic, uan dha fhèin#Eòin 1:29; Tais 5:6 airson tabhartais‐loisgte. Mar sin dh’imich iad cuideachd le chèile.
9Agus thàinig iad don àit a dh’innis Dia dha, agus thog Abrahàm altair an sin, agus chuir e am fiodh an òrdagh; agus cheangail e a mhac Isaac#Salm 118:27; Eòin 10:17, 18, agus chuir e air an altair e air uachdar an fhiodha#Eabh 11:17; Eòin 2:21.
10Agus shìn Abrahàm a‑mach a làmh, agus ghabh e an sgian a mharbhadh a mhic.
11Agus ghlaodh aingeal an Tighearna ris o nèamh, agus thubhairt e, Abrahàim, Abrahàim#Ecs 3:4; 1 Sam 3:10. Agus thubhairt esan, Feuch, tha mi an seo.
12Agus thubhairt e, Na leag do làmh air a’ ghille, agus na dèan nì sam bith air: oir a‑nis tha mi fiosrach gu bheil eagal Dhè ort#Mic 6:7, 8, do bhrìgh nach do chùm thu do mhac, eadhon d’aon mhac, uamsa#Gen 26:5; 1 Sam 15:22; Salm 25:12; 147:11; Mal 4:2.
13Agus thog Abrahàm suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, reithe air a chùlaibh an sàs ann am preas air a adhaircean#1 Cor 10:13; 2 Cor 1:9, 10: agus chaidh Abrahàm, agus ghabh e an reithe, agus thug e suas e mar thabhartas‐loisgte an àit a mhic.
14Agus thug Abrahàm Iehòbhah‐Iireh#22:14 is e sin, chì; no, ullaichidh an Tighearna. mar ainm air an àite sin: mar a theirear gus an là‑an‑diugh, Ann an sliabh an Tighearna chìthear e#Salm 22:4, 5; Daniel 3:17, etc.; 2 Cor 1:9, 10.
15Agus ghlaodh aingeal an Tighearna ri Abrahàm an dara uair o nèamh#Gen 22:11,
16Agus thubhairt e, Orm fhèin mhionnaich mi#Salm 105:9; Isa 45:23; Lùc 1:73; Eabh 6:13, 14, arsa an Tighearna, a chionn gun do rinn thu an nì seo, agus nach do chùm thu uam do mhac, eadhon d’aon mhac;
17Gum beannaich mi thu gu mòr, agus gun dèan mi do shliochd ro‑lìonmhor eadhon mar reultan nèimh#Deut 1:10; Ier 33:22, agus mar a’ ghaineamh, a tha air tràigh#22:17 bile. na fairge: agus sealbhaichidh do shliochd geata an naimhdean;
18Agus beannaichear ann ad shliochd‐sa uile chinnich na talmhainn#Gen 12:3, a chionn gun d’èisd thu rim ghuth#1 Sam 2:30; Ier 7:23.
19Mar sin thill Abrahàm a dh’ionnsaigh a òganach: agus dh’èirich iad suas, agus chaidh iad cuideachd gu Beer‐sèba: agus ghabh Abrahàm còmhnaidh aig Beer‐sèba.
20Agus an dèidh nan nithean sin dh’innseadh do Abrahàm, ag ràdh, Feuch, rug Milcah mar an ceudna mic dod bhràthair Nàhor:
21Has#Iob 1:1 a chiad‐ghin, agus Buds#Iob 32:2 a bhràthair, agus Cemuel athair Araim,
22Agus Chesed, agus Hadso, agus Pildas, agus Idlaph, agus Betuel.
23Agus ghin Betuel Rebecah#Gen 24:15: an ochdnar sin rug Milcah do Nàhor, bràthair Abrahàim.
24Agus a choileabach dom b’ainm Reumah, rug ise mar an ceudna Tebah, agus Gaham, agus Tahas, agus Maachah.
Currently Selected:
Genesis 22: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017