Genesis 23
23
1 Aois agus bàs Shàrah. 3 Achadh agus uaimh Mhachpelah air an ceannach, 19 far an d’adhlaiceadh Sarah.
1Agus bha Sàrah beò ceud agus seachd‐bliadhna‑fichead; b’iad seo bliadhnachan beatha Shàrah.
2Agus fhuair Sàrah bàs ann an Ciriat‐arba#Ios 14:15; Bri 1:10; is e sin Hebron#Gen 23:19; Gen 13:18; 2 Sam 5:3 an tìr Chanàain: agus thàinig Abrahàm a dhèanamh tuiridh airson Shàrah, agus a chaoidh air a son.
3Agus dh’èirich Abrahàm suas o làthair a mhairbh, agus labhair e ri mic Het, ag ràdh,
4Is coigreach#1 Each 29:15; Salm 39:12; 105:12; Eabh 11:9; 1 Pead 2:11 agus fear‐cuairt mise maille ribh: thugaibh dhomh sealbh àit‐adhlaic maille ribh, agus gun adhlaic mi mo mharbh as mo shealladh#Gnìo 7:5.
5Agus fhreagair mic Het Abrahàm, ag ràdh ris,
6Eisd rinne, mo thighearna: is uachdaran cumhachdach#23:6 prionnsa Dhè. thusa nar measg‐ne#Gen 13:2; 14:14; ann an roghainn ar n‑àiteachan‐adhlaic adhlaic do mharbh: cha chùm duine nar measg‐ne a àit‐adhlaic uat, gud mharbh adhlac ann.
7Agus dh’èirich Abrahàm suas, agus chrom e e fhèin do mhuinntir na tìre, eadhon do mhic Het.
8Agus labhair e riu, ag ràdh, Mas àill leibh gun adhlaicinn mo mharbh as mo shealladh, èisdibh rium agus labhraibh air mo shon ri Ephron mac Shobair:
9A‑chum is gun toir e dhomh uaimh Mhachpelah a tha aige, a tha ann an crìch a achaidh; airson uiread airgid agus as fiù#23:9 làn airgead. i, thugadh e dhomh i mar sheilbh àit‐adhlaic nur measg‐se.
10Agus bha Ephron na chòmhnaidh am measg clann Het. Agus fhreagair Ephron an t‑Hiteach Abrahàm ann an èisdeachd#23:10 cluasan. clann Het, eadhon gach neach a chaidh a‑steach air geata a bhaile‐san#Gen 34:20, 24, ag ràdh,
11Na biodh e mar sin, mo thighearna, èisd rium: an t‑achadh bheir mi dhut, agus an uaimh a tha ann, bheir mi dhut i; ann an làthair mic mo dhaoine bheir mi dhut i: adhlaic do mharbh.
12Agus chrom Abrahàm e fhèin sìos an làthair muinntir na tìre.
13Agus labhair e ri Ephron, ann an èisdeachd muinntir na tìre, ag ràdh, Ach ma bheir thu seachad i, guidheam ort, èisd rium: bheir mi dhut airgead airson an achaidh#2 Sam 24:24, gabh uam e, agus adhlaicidh mi mo mharbh an sin.
14Agus fhreagair Ephron Abrahàm, ag ràdh ris,
15Mo thighearna, èisd rium: is fiù an t‑achadh ceithir cheud secel airgid; ciod sin eadar mise agus thusa? Uime sin adhlaic do mharbh.
16Agus dh’èisd Abrahàm ri Ephron, agus thomhais Abrahàm do Ephron an t‑airgead, a dh’ainmich e ann an èisdeachd mic Het, ceithir cheud secel airgid, a ghabhas an ceannaiche.
17Agus rinneadh achadh Ephroin#Gen 25:9; 49:30; 50:13, a bha ann am Machpeleh, a bha fa chomhair Mhamre, an t‑achadh, agus an uaimh a bha ann, agus gach craobh a bha anns an achadh, a bha na chrìch uile mun cuairt,
18Daingeann do Abrahàm mar sheilbh, ann an làthair clann Het, am fianais gach neach a chaidh a‑steach air geata a bhaile‐san.
19Agus an dèidh sin dh’adhlaic Abrahàm Sàrah a bhean, ann an uaimh achadh Mhachpelah, fa chomhair Mhamre: is e sin Hebron ann an tìr Chanàain.
20Agus rinneadh an t‑achadh, agus an uaimh a tha ann, daingeann do Abrahàm#Ier 32:10 mar sheilbh àit‐adhlaic le mic Het.
Currently Selected:
Genesis 23: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017