Genesis 26
26
1 Chaidh Isaac do Gherar, agus bheannaich Dia e. 26 Rinn Abimelech coicheangal ris aig Beer‐sèba.
1Agus bha gorta anns an tìr a bharrachd air a’ chiad ghorta#Gen 12:10 a bha ann an làithean Abrahàim: agus chaidh Isaac gu Abimelech rìgh nam Philisteach#Gen 20:2, do Ghèrar.
2Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha agus thubhairt e, Na rach sìos don Èiphit: gabh còmhnaidh anns an tìr a dh’innseas mise dhut:
3Bi air chuairt anns an tìr seo#Salm 39:12; Eabh 11:9; 13:16, agus bidh mise maille riut#Gen 28:15; Isa 43:2, 5, agus beannaichidh mi thu: oir dhutsa, agus dod shliochd, bheir mise na dùthchannan sin uile#Gen 13:15; 15:18; 22:16, agus coileanaidh mi na mionnan#Salm 105:9; Mic 7:20 a mhionnaich mi dod athair Abrahàm:
4Agus bheir mi air do shliochd fàs lìonmhor mar reultan nèimh, agus bheir mi dod shliochd na dùthchannan sin uile: agus beannaichear ann ad shliochd‐sa#Gen 22:18; Salm 72:17 uile chinnich na talmhainn;
5Do brìgh gun d’èisd Abrahàm rim ghuth#Gen 22:18, agus gun do ghlèidh e m’iarrtas, m’àitheantan, m’òrdaighean, agus mo laghannan.
6Agus ghabh Isaac còmhnaidh ann an Gèrar.
7Agus dh’fhiosraich daoine an àite dheth ma mhnaoi; agus thubhairt e#Gen 20:2, 13, Is i mo phiuthar i: oir bha eagal#Gnà 29:25 air a ràdh, Is i mo bhean i; air eagal, arsa esan, gum marbhadh daoine an àite mi airson Rebecah, do bhrìgh gu robh i maiseach ri amharc oirre.
8Agus nuair a bha e aimsir fhada an sin, sheall Abimelech righ nam Philisteach a‑mach air uinneig, agus chunnaic e, agus, feuch, bha Isaac a’ sùgradh ra mhnaoi Rebecah.
9Agus ghairm Abimelech air Isaac, agus thubhairt e, Feuch, gu cinnteach is i do bhean i: agus cionnas a thubhairt thu, is i mo phiuthar i? Agus thubhairt Isaac ris, A chionn gun dubhairt mi, Air eagal gum bàsaich mi air a son.
10Agus thubhairt Abimelech, Ciod e seo a rinn thu oirnn#Gen 20:9? Dh’fhaodadh aon den t‑sluagh laighe led mhnaoi, agus bheireadh tu cionta oirnne.
11Agus thug Abimelech àithne da shluagh uile, ag ràdh, Esan a bheanas ris an duine seo#Salm 105:15; Gnà 6:29, no ra mhnaoi, gu cinnteach cuirear gu bàs e.
12An sin shìol‐chuir Isaac anns an tìr sin, agus fhuair e anns a’ bhliadhna sin fhèin a cheud uiread is a chuir e, agus bheannaich an Tighearna e.
13Agus dh’fhàs an duine mòr, agus chaidh e air aghaidh, agus dh’fhàs e gus an robh e ro‑mhòr:
14Oir bha aige sealbh chaorach, agus sealbh cruidh, agus mòran sheirbhiseach. Agus ghabh na Philistich farmad ris#Ecl 4:4.
15Agus dhùin na Philistich suas na tobraichean uile a chladhaich seirbhisich a athar, ann an làithean Abrahàim a athair, agus lìon iad le ùir iad.
16Agus thubhairt Abimelech ri Isaac, Imich uainne; oir is cumhachdaiche thu gu mòr na sinne#Ecs 1:9.
17Agus dh’imich Isaac as a sin, agus shuidhich e a bhùth ann an gleann Ghèrair, agus ghabh e còmhnaidh an sin.
18Agus chladhaich Isaac a‑rìs na tobraichean uisge a chladhaicheadh ann an làithean Abrahàim a athair; oir dhùin na Philistich suas iad an dèidh bàs Abrahàim: agus thug e ainmean orra a rèir nan ainm a thug a athair orra.
19Agus chladhaich seirbhisich Isaaic anns a’ ghleann, agus fhuair iad an sin tobar fìor‐uisge#26:19 uisge beò..
20Agus rinn buachaillean Ghèrair connsachadh ri buachaillean Isaaic, ag ràdh, Is leinne an t‑uisge: agus thug e Esec#26:20 is e sin, connsachadh. mar ainm air an tobar, a chionn gun do rinn iad connsachadh ris.
21Agus chladhaich iad tobar eile, agus rinn iad connsachadh uime sin cuideachd: agus thug e Sitnah#26:21 is e sin, fuath. mar ainm air.
22Agus chaidh e air imrich as a sin, agus chladhaich e tobar eile; agus cha do rinn iad connsachadh uime sin: agus thug e Rehobot#26:22 is e sin, rùm; no, farsainneachd. mar ainm air; agus thubhairt e, Oir thug an Tighearna a‑nis farsaingeachd dhuinn; agus fàsaidh sinn lìonmhor anns an tìr.
23Agus chaidh e suas as a sin gu Beersèba.
24Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha anns an oidhche sin fhèin, agus thubhairt e, Is mise Dia Abrahàim d’athair; na biodh eagal ort#Salm 27:1, 3; Isa 41:10; 51:12, oir tha mise maille riut, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi do shliochd lìonmhor air sgàth mo sheirbhisich Abrahàm.
25Agus thog e altair an sin#Gen 35:1, agus ghairm e air ainm an Tighearna, agus shuidhich e an sin a bhùth: agus chladhaich seirbhisich Isaaic tobar an sin.
26An sin chaidh Abimelech da ionnsaigh o Ghèrar, agus a charaid Ahudsat, agus Phichol#Gen 22:22, àrd‐cheannard a shluaigh.
27Agus thubhairt Isaac riu, Carson a thàinig sibh am ionnsaigh, agus gu bheil fuath agaibh dhomh#Bri 11:7, agus gun do chuir sibh uaibh mi#Gen 26:16?
28Agus thubhairt iadsan, Chunnaic sinn gu cinnteach#26:28 a’ faicinn chunnaic sinn. gu robh an Tighearna leat; agus thubhairt sinn, Biodh a‑nis mionnan eadarainn#Gen 21:23, eadhon eadar sinne agus thusa, agus dèanamaid coicheangal riut;
29Nach dèan thu oirnne cron sam bith, mar nach do bhean sinne riutsa, agus mar nach do rinn sinn nì sam bith ort ach math, agus a chuir sinn uainn thu ann an sìth: tha thusa a‑nis air do bheannachadh leis an Tighearna#Gen 24:31; Salm 115:15.
30Agus rinn e dhaibh cuirm#Gen 19:3; 31:54, agus dh’ith agus dh’òl iad.
31Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus mhionnaich iad da chèile: agus chuir Isaac air falbh iad, agus dh’imich iad uaithe ann an sìth.
32Agus air an là sin fhèin thàinig seirbhisich Isaaic, agus dh’innis iad dha mu thimcheall an tobair a chladhaich iad, agus thubhairt iad ris, Fhuair sinn uisge.
33Agus thug e Sèba#26:33 is e sin, mionnan. mar ainm air; uime sin is e Beer‐sèba#26:33 is e sin, tobar nam mionn. ainm a’ bhaile sin gus an là‑an‑diugh.
34Agus bha Esau dà‑fhichead bliadhna a dh’aois; agus ghabh e mar mhnaoi Iudit, nighean Bheeri an t‑Hiteach, agus Basemat#Gen 36:2, nighean Elon an t‑Hiteach:
35Agus bha iad sin nam briseadh‐cridhe#26:35 searbhas spioraid. do Isaac agus do Rebecah.
Currently Selected:
Genesis 26: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017