Eclesiastes 9
9
LAOIDH 15
Ecles. 9.4,5,6,10
4 'S e nis an t‑àm bhith rèidh ri Dia;
'S e nis an t‑àm thòirt gèill don Triath;
Am feadh a mhaireas latha nan gràs;
Faodaidh gach neach dol às on bhàs.
2 'S i seo an uair a sheachnadh truaigh,
'S a thabhairt nèimh a‑mach le buaidh;
Seo cothrom àigh#9.4 àigh aoibhneas, sòlas, tha dian‑dhol seach,
Dèanar deagh bhuil dheth leis gach neach.
5 Is fios don bheò gum faigh e bàs
Air dìochuimhn' tha gach marbh an tràth s':
An cuimhne dh'fhalbh, is dh'fhalbh an ainm,
Chan aithnich'r iad, 's chan aithne dhaibh.
6 Theirig an gràdh, is sguir am fuath,
'S tha 'm farmad sìnte leotha san uaigh;
Chan eòl' dhaibh nì sam bith fon ghrèin;
An saothair sguir maraon riutha fhèin.
10 Dèan dìcheall uime sin na thràth,
Crìoch a chur air saothair do làmh:
Oir saothair, seòl, no obair ghlic,
Cha dèanar leat gu bràth fon lic#9.10 lic cruth roimhearach de leac; clach, clach‑chinn.
6 San uaigh, dha bheil sinn uile triall,
Math'nas#9.10 Math'nas mathanas chan fhaigh, 's cha d' fhuaradh riamh;
Gun chaochladh bithidh cor gach neach
Gu àm a bhinne teachd a‑mach.
Currently Selected:
Eclesiastes 9: LSN1987
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987