Eclesiastes 7
7
LAOIDH 14
Ecles. 7.2-6
2-6 O sibhs' air fad lem b' àill bhith glic,
bibh tric an taigh a' bhròin:
Oir luath no mall tha sinn gu lèir
ri fulang pèin is leòn.
2 Is fheàrr gu mòr bhith giùlan goimh#7.2-6 goimh cràdh,
o àmhghar taigh na caoidh;
Na 'n cridh a lot le sòlas baoth#7.2-6 baoth amaideach,
an cuideachd dhaoine daoi#7.2-6 daoi neo‑fhìreanta.
3 'N tràth bhios an aghaidh tùrsach trom,
's an t‑sùil a' sileadh dheur,
Gheibh smuainte naomh san anam tàmh,
's nì iad nas fheàrr an gnè.
4 An duine crìona thèid gu tric
gu bothan bochd a' bhròin;
Ach leis an dream air bheagan cèill
is aoibhinn talla cheòil.
5 Is diombuan#7.2-6 diombuan neo‑mhaireann aighear dhaoine daoi#7.2-6 daoi neo‑fhìreanta,
's is dlùth dhaibh àmhghar truagh:
Mar bhoillsgeadh fuaimneach droighinn fhaoin
ghrad‑chaochlaidheas gu luath.
Currently Selected:
Eclesiastes 7: LSN1987
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987