Gnàth‑fhacal 8
8
LAOIDH 13
Gnàth‑fhac. 8.22-36
22-36 Bibh tostach uile, chlann nan daoin',
tràth ghlaodhas Gliocas Dhè,
A bhriathran thugar leibh fa‑near,
's dha earail thugaibh gèill.
2 Bu mhise Annsachd Dhè#8.22-36 Annsachd Dhè Tì gràdhaichte Dhè o thùs,
mus robh na nèamhan ann;
'S mus d' fhuair an domhan mòr a bhith,
bha mise, feadh gach àm.
3 Mun robh ann slèibhte mòr no beag,
mus robh ann muir no tìr.
No nì air bith sa chruinne‑chè;
aig deas làimh Dhè bha mi.
4 Tràth dhealbh e neòil is adhar àrd,
an talamh tràight' 's an cuan,
'S tràth gheàrr e 'n crìochan dhaibh fa leth,
bha mise leis san uair.
5 Tràth chroch e 'n talamh cothromaicht'
gun taic ris o aon taobh,
Dhearc mi le gàirdeachas an sin
air ionad còmhnaidh dhaoin'.
6 Dhealbh smuain mo chridh o shìorraidheachd
làn‑tèarmann dhaibh on bhàs;
Neo‑chaochlaidheach, uaith sin gu seo,
tha m' iochd dhaibh is mo ghràdh.
7 Rim theagasg èistibh uime sin,
is gheibh sibh beatha uaith,
Is sona 'n tì bheir gèill dham lagh;
bidh 'n tì nach tabhair truagh.
8 Is mise nì gu nèamh an t‑iùl,
's an slighe rèidh dham shluagh:
Tha beatha 's càirdeas aig gach neach
a leanas mi gach uair.
9 Ach 's nàimhde mòr dhan anman fhèin
na dhiùltas gèill dham reachd;
'S na bheir sìor‑fhuath dham theagasg naomh,
chum ifrinn thèid gu beachd.
Currently Selected:
Gnàth‑fhacal 8: LSN1987
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987