YouVersion Logo
Search Icon

Habacuc 3

3
LAOIDH 32
Habac. 3.17,18
17Chaoidh ged nach toir crann fìge blàth,
's nach fàs air fìon‑chrann meas;
Saoth'r a' chroinn‑ola ged a thrèig,
's fàs dèis gun bhith air slios#3.17 slios sliabh;
2 Gach treud on mhainnir#3.17 mhainnir crò‑chruidh ged a bhuail
grad fhuathas nuair nach saoil:
Greigh#3.17 reigh treud ged nach fàg an t‑Earrach cruaidh,
no bò air uachdar raoin;
18 Gidheadh san Triath bidh mise ait,
is nì mi uaill na ghràdh;
Mòr aoibhneas nì mi ann am Dhia;
's e Dia mo shlàint' gu bràth.
4 Bheir Dia dhomh neart chum ruith gu dian
mar fhiadh air fireach#3.18 fireach sliabh uachdrach àrd:
Is bheir e mi gu rìogh'chd na glòir,
fa sheòla#3.18 sheòla slighe caomh a ghràis.
5 'S e Dia mo stòr, mo bheatha 's m' iùl
on tig mo lùth 's mo threis;
Gainne no gort, beatha no bàs,
cha sgar o ghràdh mi 'm feast.

Currently Selected:

Habacuc 3: LSN1987

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in