Micah 6
6
LAOIDH 31
Micah 6.6-9
6-9 Cia leis a thig mi 'm fianais Dhè,
àrd Thriath a' chruinne‑chè!
No ciod an ìobairt bheir mi dha,
chum e bhith ghnàth rium rèidh?
2 An toilich mìle ìobairt‑loisgt',
lem boltrach tùis an Triath?
Deich mìle sruthan ola 'n leòr,
's gach ainmhidh beò san t‑sliabh?
3 Mur leòr, an gabh e mo chiad‑ghin,
an riochd mo bheatha fhèin;
Toradh mo chuirp an èirig m' anm'
chum bhith 's gach àm rium rèidh?
4 Chan fhoghainn seo; is adhbhar gràin
le Dia gach cràbhadh saoi#6.6-9 saoi muinntir fìreanta;
Na fhacal leig e ris a rùn,
a' stiùireadh chloinn nan daoin'.
5 O dhuine, seo na dh'iarr e ort;
dèan ceartas, miannaich iochd;
Gu h‑umhal gluais an làth'r do Dhia,
is dèan a riar#6.6-9 riar thoil gu glic.
Currently Selected:
Micah 6: LSN1987
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987