YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 1

1
LAOIDH 17
Isaiah 1.10-19
10-19A mhaithean Shodoim, gabhaibh suim
de dh'fhacal Rìgh nam feachd;
Fheara Ghomorah! thigibh dlùth,
is bithidh umh'l dha reachd.
2 Mar seo a deir#1.10-19 deir their e, Ciod is brìgh
dher n‑ìobairtean gun stà?
Tha m' altair sgìth dher tiodhlacan,
's ghabh mi dher n‑aoradh gràin.
3 Ged las ur n‑ìobairtean gu nèamh,
's ged dhorchaich tùis an speur;
Gidheadh bheir mise fuath is gràin
do ghnìomh ur làmh 's dhuibh fhèin.
4 Bhur trasg 's ur n‑ùrnaigh 's fuathach leam,
's ur làithean fèill faraon;
Oir tha ur cridhe làn do cheilg,
's ur slighe cam is claon.
5 Glanaibh ur làmhan o gach olc,
's na dèanaibh lochd nas motha;
Nur giùlan uile bithibh ceart,
's nur cridhe glan, gun ghò.
6 Na tairgibh dhòmhsa urram faoin,
ach foghlamaibh mo reachd;
Teann‑thagraibh cùis na banntraich truaigh
's air fann#1.10-19 fann muinntir fann na dèanaibh lochd.
7 An sin, mar chorcur#1.10-19 chorcur sìthean dorch dearg dearg ged robh
ur lochdan, nighear uaibh
An sal#1.10-19 sal salchar, is bidh sibh glan, tre ghràs,
mar shneachd as àille snuadh.

Currently Selected:

Isaiah 1: LSN1987

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in