YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 2

2
LAOIDH 18
Isaiah 2.2-6
2-6 Feuch, èiridh san linn dheireannaich
naomh theampall Dhia na glòir,
Os cionn nam beann 's nan slèibhtean àrd;
fàth#2.2-6 fàth adhbhar iongantais ro mhòir!
2 Ga dh'ionnsaigh thig na cinnich ait,
gach teangadh 's treubh le chèil':
Ag ràdh, Suas greasamaid gun dàil
gu teampall àlainn Dhè.
3 An solas thig o Shion àrd
deàlraidh feadh dhùthcha cèin;
'S don Rìgh na shuidh air Salem tha
bheirear 's gach àite gèill.
4 Measg chinneach 's eilean iomallach
àrd‑shuidhidh e gu breith
Is smachdaichear na cheartas leis
gach uile shluagh fa leth.
5 Le connspaid is le h‑an‑iochd borb
cha bhuairear linn nan gràs;
Gu speal is coltar#2.2-6 coltar pàirt gearraidh de chrann‑treabhaidh iompaichear
gach claidheamh 's inneal bàis.
6 Le nàmh nas motha cha chasgrar nàmh
's cha bhi san àraich caoidh:
Cha chruinnich trombaid slòigh ri chèil',
's chan èighear cath a‑chaoidh.
7 O ghineil Iàcoib, uime sin,
thigibh gu teampall Dhè;
'S na sholas‑san tha deàlrach glan,
sìor thriallamaid gu nèamh.

Currently Selected:

Isaiah 2: LSN1987

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in