YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 9

9
LAOIDH 19
Isaiah 9.2-8
2-8 Feuch, dh'èirich solas air na slòigh
bha chòmhnaidh 'n duibhre bàis;
Is air an t‑sluagh a bha fo sgàil,
nis dheàlraich Grian nan gràs.
2 Gad dh'ionnsaigh‑sa, a Ghrian an àigh#9.2-8 àigh aoibhneas, sòlas,
le fàilte thig gach sluagh,
'S iad aoibhinn mar luchd buain on fhaich,
's am foghar taisgte suas.
3 Oir thog thu dhinn ar n‑eallach ghoirt,
is lotadh leat ar nàmh,
Led ghàirdean treun ghrad‑thilg thu sìos
luchd mì‑rùin chum an làir.
4 Mar laoch a' ruith feadh fala 's àir#9.2-8 àir blàr, marbhadh,
tha Slànaighear nam buadh;
Mar cheuman dhealanaich nan speur
bheir thu fo ghèill gach sluagh.
5 Feuch dhuinne rugadh Mac an àigh#9.2-8 àigh aoibhneas, sòlas;
fhuair sinn Slànaighear treun!
Gach treubh air thalamh gèillidh dha
is ainglean nèimh gu lèir.
6 Prionnsa na sìochaint canar ris,
's e 'n Tì tha glic is treun;
Le ceartas riaghlaidh e gach sluagh,
o chathair shuas air nèamh.

Currently Selected:

Isaiah 9: LSN1987

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in