YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 26

26
LAOIDH 20
Isaiah 26.1-7
1Cia glòrmhor àlainn cathair Dhè!
Sion#26.1 Sion Am baile naomh, beinn an teampaill cia brèagh a snuadh!
Innte chuir Dia a chathair‑rìgh,
chum mairsinn sìorraidh buan.
2A balla dìonaidh e le ghràs,
gu làr cha tuit i chaoidh;
Nì slàinte tèarmann dhi gach taobh,
's ifrinn chan fhaod a claoidh.
3A dhorsan sìorraidh, èiribh suas,
fosglaibh gu luath o chèil';
'S gun rachadh naomh‑shluagh Dhè a‑steach
a thug dha reachd‑san gèill.
4An seo gun airceas#26.4 airceas gainne mealaidh sibh
sìth shòlasach gu bràth;
Sibhse len ionmhainn àrd‑ainm Dhè
's tha dèanamh bun à ghràs.
5Earbaibh à Dia sìor‑earbaibh às;
gach eagal fògraibh uaibh;
Aig Dia tha cumhachd chum ur dìon,
feadh linn nan linn gu buan.
6Còmhnaidh nan droch dhaoin', ged is àrd
bheir Dia le làimh i nuas;
'S am mòrchuis tilgidh esan sìos,
cho ìosal ris an uaigh.
7Saltraidh am bochd an sin le tàir,
air àrois#26.7 àrois àrosan (cruth gin. air a chleachdadh an àite an cruth iom.). àrd nan daoi:
Tràth bhios iad sìnte air an làr,
gun èirigh 'n àird a‑chaoidh.

Currently Selected:

Isaiah 26: LSN1987

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in