YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 33

33
LAOIDH 21
Isaiah 33.13-18
13-18 Ho! gach aon neach fad às no dlùth
don chùis seo gabhaibh suim;
Bidh àgh#33.13-18 àgh aoibhneas, sonas is beannachd aig na naoimh,
ach sgriosar daoine daoi.
2 An tì bhios ionraic treibhdhireach
fa chomhair Dhè gach uair,
Ri gnìomh gun iochd nach cuir a làmh,
's air brèig gu bràth nach luaidh;
3 An tì nach làimhsich duais an uilc,
's gu ceilg nach buair an saogh'l,
Nach seall gun ghràin air lochd air bith,
's nach gluais air slighe chlaoin:
4 An tì sin còmhnaidh gheibh gu bràth
an daingneach làidir Dhè;
Gun easbhaidh gheibh e theachd‑an‑tìr,
is caisgear iota 's fheum.
5 Fa‑dheòidh bidh Nèamh dha fosgailte,
le dorsan farsainn fial,
'S le Rìgh nan rìghrean bithidh e
gu tèaraint' feadh gach ial.

Currently Selected:

Isaiah 33: LSN1987

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in