Isaiah 40
40
LAOIDH 22
Isaiah 40.27-31
27-31 Carson a dhòirtear leat a‑mach
do chaoidh, gun dùil ri iochd?
Ceart mar nach tugadh Dia fa‑near
cùis neach air bith dhe shliochd.
2 Esan a chruthaich talamh 's nèamh,
am bheil a thèarmann gann?
No 'm faod an làmh a dhealbh gach nì
fàs sgìth gu bràth no fann?
3 Maith, glic, is uile‑chumhachdach,
tha 'n Triath a tha gar dìon;
A shlighe ged nach lèir do neach,
is ceart e anns gach gnìomh.
4 'S mòr fàth#40.27-31 fàth adhbhar ar misnich, uime sin,
fo cheannsal Dhia nan sluagh;
Don fhìrean lag bheir esan neart,
's don anfhann bheir e buaidh.
5 Caillidh na daoine sean an treòir,
's an òigridh fèin an lùth;
Ach mheud 's a dh'fheith ri Dia nan gràs,
tha slàinte dhaibhsan dlùth.
6 Le casan lùthar siùbhlaidh iad
's an t‑slighe dh'ionnsaigh glòir;
'S fàsaidh an neart mar thriallas iad,
na 'n giùlan diadhaidh còir.
7 Air sgiathan creideimh èiridh iad,
mar iolar luath nan speur,
Os cionn an t‑saoghail dhorcha seo,
gu Dia an àirde nèimh.
Currently Selected:
Isaiah 40: LSN1987
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987