Laoidhean 37
37
LAOIDH 37
Luc. 2.8-15
1Air bhith do bhuachaillibh le chèil'
a' faireadh treud san oidhch',
Thaisbeanadh Aingeal doibh o nèamh,
's am magh lion e le soills'.
2Bu mhòr an oillt', ach thuirt e riu,
na gabhaibh geilt no sgàth,
Oir sgeul ro ait tha agam dhuibh,
is do gach linn gu bràth.
3'N diugh rugadh dhuibh am baile 'n Righ,
an Slànuighear, seadh Criosd,
Feuch, cluinnibh uamsa comhara,
le 'm mothaich sibh gur fior:
4An naoidhean nèamhaidh gheibh sibh 'n sin
follais do rosgaibh dhaoin',
'S e paisgt' an trusgan an‑uasal.
's na luidh' am prasaich fhaoin.
5Labhair an Seraph so, 's air ball
bha 'm magh do Ainglibh làn,
A' seinn gu binn do Dhia na sìth',
's b' e so bu bhrìgh d'an dàn,
6“Gach glòir do Dhia 's na nèamhaibh shuas,
sìth bhuan air thalamh ta;
Nochd Dia 'dheadh‑thoil do'n chinne daoin'
's cha traogh am feasd a ghràdh.”
Currently Selected:
Laoidhean 37: LSN1987
Highlight
Share
Copy
![None](/_next/image?url=https%3A%2F%2Fimageproxy.youversionapistaging.com%2F58%2Fhttps%3A%2F%2Fweb-assets.youversion.com%2Fapp-icons%2Fen.png&w=128&q=75)
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017