YouVersion Logo
Search Icon

Laoidhean 38

38
LAOIDH 38
Luc. 2.25-33
1Do Shimeon an duine naomh
dh'innseadh le Spiorad Dhia,
Gu faiceadh e roimh uair a bhàis,
an Slàn' ear, Criosd an Triath.
2An gealladh sòlasach so dh'fheith
an naomh, o là gu là;
Is cha do mhealladh e 'na dhùil,
choimhlionadh chùis 'n a tràth.
3'Nuair thugadh Iosa réir an lagh
a stigh do'n teampull naomh.
Do Shimeon dh'fhoillsicheadh cò e,
le Spiorad nèimh gu saor.
4'Na ghairdean aosda ghlac an naomh
an naoidhean, 's thug e cliu
Do Dhia, 's e seinn le aoibhneas àrd,
's le gairdeachas 'na ghnùis.
5“Nis leig do d'òglach triall an sìth
chum siorruidheachd mar gheall;
O'n chunnaic mi do shlàint', a Thriath'
mo thriall na bitheadh mall.
6Na làmhan so, a ghlac mo Righ,
na glacadh ni 'n a dhéigh;
'S na sùilean so a chunnaic Criosd,
na faiceadh ni fo'n ghréin.
7“Tha 'n t‑slàinte gheall thu dhuinn o shean
's a cho‑gheall thu faraon.
A' dearbhadh dhuinn gur fior do ghràdh
gu bràth do'n chinne‑daoin.
8So Grian an àigh le'm fògrar duibhr'
a' Gheintilich gun iùl,
Is anns an cuir do theaghlach taght',
clann Israeil, an dùil.”

Currently Selected:

Laoidhean 38: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in