YouVersion Logo
Search Icon

Laoidhean 39

39
LAOIDH 39
Luc. 9.18,19
1Cluinnibh sgeul ait; Tha Ios' air teachd
ri'n robh o shean ar dùil!
Lìonar gach cridh' le gairdeachas,
seinnear gu bràth a chliu.
2Tha 'n Spiorad dhòirteadh air gu pailt,
ri fhaicinn anns gach ni:
Tha gliocas, cumhachd, eud, is gràdh,
dealrach 'na uile ghnìomh.
3Le 'theachd, làn shaorar braighde truagh'
bh'aig Satan fo chruaidh‑ghlais;
Oir sgaoilidh e gach cuibhreach theann,
is sgealbaidh dorsa prais.
4Le 'theachd, neul cionta théid air chùl,
's thig fradharc iùil do'n dall;
Clàisteachd do'n bhodhar, 's cainnt do'n bhalbh,
's do'n bhacach lùth nam ball.
5Le 'theachd, ghelbh bochd is uireas'ach
làn dìol do shaoibhreas gràis;
An cridhe briste ceanglar suas,
an t‑anam truagh bidh slàn.
6Thàinig là‑saoraidh ait o'r Dia,
's maithear ar fiacha dhuinn:
Oir choimhlion Dia a ghealladh mòr,
is bidh e 'n còmhnuidh leinn.
7Hosana ait do Righ na sìth'!
o so a mach gu bràth;
Co‑fhreagradh nèamh, is muir, is tìr,
le co‑sheirm shiorruidh dha.

Currently Selected:

Laoidhean 39: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in