YouVersion Logo
Search Icon

Laoidhean 41

41
LAOIDH 41
Eòin 3.14-19
1Nuair thogadh suas an nathair phrais
le Maois, san fhàsach chruaidh,
Dhearc oirre 'n dream bha dlùth do'n bhàs,
is shlànuicheadh an sluagh;
2Mar so tha Criosd air àrdachadh,
gu slainte thabhairt duinn;
Seallaidh na slòigh chaidh lot an àird,
is slànuichear gach tinn.
3Cia an‑mhor tròcair Dhia nan gràs:
cia pailt a ghràdh is 'iochd,
A thug a mhac mar ìobairt suas,
a dh'fhulang truaigh' 'n ar riochd!
4Cha‑n ann a dhìteadh cloinn nan daoin'
a thàinig Criosd o nèamh;
Geur‑lann gu sgrios cha robh 'n a làimh
no bagradh bàis 'n a bheul.
5Le creidimh slainteil géillibh‑sa,
a luchd mi‑bheus, d'a reachd;
Is bheir e tèaruint' sibh 'an sìth,
g'a rìogh'chd a ta ri teachd.
6Ach leanaidh dioghaltas gu luath
an sluagh nach géill 'na thràth,
An dream ni dimeas air mac Dhé,
's nach éisd ri tairgs' a ghràis.

Currently Selected:

Laoidhean 41: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in