Laoidhean 42
42
LAOIDH 42
Eòin 14.1-7
1Uaibh fògraibh eagal 's iomgain cridh
's na biodh 'ur dòchas fann;
Earbaibh á freasdal Dé a ghnàth,
's a'm' Ghràdh‑sa gach aon àm.
2Gu àros m' Athar pillidh mi,
ann 's lìonmhor ionad tàimh:
'S is dealrach glòir na rìoghachd sin,
'ga lionadh air gach làimh.
3Mur biodh na nithe so mar so,
dhuibh dh'innsinn sin o thùs;
Cha mheallainn sibh le dòchas baoth,
no muinghinn fhaoin mu'n chùis.
4Roimhibh théid mise chum, 'nur n‑ainm
gu'n gabhainn sealbh air nèamh;
'S gu'n ulluichinn a'm' rioghachd dhuibh
gu siorruidh àite tàimh.
5Ach pillidh mi air m'ais a rìs,
is bheir mi sibhse leam;
An sin cha dealaich sinn ni 's mò,
's cha bhi sibh brònach trom.
6A' bheatha 'n fhìrinn, is an ròd
a threòraicheas gu nèamh.
Is mise sin; 's na leanas mi,
gu sonas bheir mi iad.
Currently Selected:
Laoidhean 42: LSN1987
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017