Laoidhean 45
45
LAOIDH 45
Rom. 2.4-8
1O dhaoine daoi! an dean sibh tàir
air gràs is foighid Dhia?
'S an dean sibh fanoid air a neart?
an gleachd sibh ris, gun chiall?
2A chionn gu bheil a thròcair pailt,
is fhoighidinn cho buan,
Am meudaich sibh 'ur seacharain,
's am peacaich sibh gach uair?
3A ghin mhi‑thaingeil! nach ro‑mhò
bu chòir do mhaitheas Dé,
Do stiùradh dh'ionnsuidh aithreachais,
's do tharruing thuige féin;
4Am fearr leat corruich chur air Dia,
's an Triath bhi dhuit 'n a nàmh,
Is ionmhas feirge thasgaidh suas,
ni truagh thu là a' bhràth.
5An là sin 's dlùth, le 'dhioghaltas,
's do bhinne ni e teann:
Thig fearg is claoidh ort air gach làimh,
gun neach gu d' thèarnadh ann.
6Ach iadsan uil' thug géill do'n Triath,
's a ghluais gu diadhaidh naomh.
Gheibh crùn na beatha mar an duais
bhith‑bhuain, fad saogh'l nan saogh'l.
Currently Selected:
Laoidhean 45: LSN1987
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017