Laoidhean 44
44
LAOIDH 44
Eòin 19.30
1Feuch! Iosa ceusda air a' chrann!
's a cheann a' lùbadh nuas;
'Fhuil chraobhach o gach creuchd a' ruith,
is cruitheachd bais 'n a ghruaidh.
2“Tha 'n obair criochnaicht,” — Labhair e,
's e tiomn' a spioraid suas;
Lùb e a cheann 's cha d'fhuiling e
gnè tuilleadh péin no truaigh.
3“Tha 'n obair criochnaicht,” — Bhàsaich Criosd
air son a' chinne‑daoin';
Lom‑fhuasgladh thug e dhuinn o'n bhàs;
o chumhachd Shàtain shaor.
4“Tha 'n obair criochnaicht,” — Sguir a leòn:
le 'bhròn, le 'shaoth'r 's le fhuil;
Làn‑cheannsaich e gach uile nàmh,
is chreach e iad gu tur.
5“Tha 'n obair criochnaicht,” — 's linn an Lagh'
do linn an t‑Soisgeil ghéill:
Seann nithe chaidh a nis air chùl,
's tha 'n saoghal ùr gu léir.
Currently Selected:
Laoidhean 44: LSN1987
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017