Laoidhean 48
48
LAOIDH 48
Ròm. 8.31-39
1Le creidimh 's dòchas fògramaid,
geilt, ciont', is dòruinn uainn;
'Se Dia ar caraid, 's mòr a threis;
cia 'n t‑eascair bheir oirnn buaidh?
2An Ti thug 'aon‑mhac air ar son,
mar chobhartach do'n bhàs;
Nach toir gach tiodhlac eile dhuinn?
's an ceil e oirnn a ghràs?
3Feuch, fhuair sinn anns a' ghibht bu mhò
làn‑chòir air nithibh 's lugh';
Tha Criosd air nèamh is talamh fòs,
'n a earlas air gach àgh.
4Cò nis a chuireas ciont' á leth
sluaigh thaghta Dhé nan gràs?
Cò dhìteas iad? no dhiultas sìth,
o dh'fhuiling Criosd am bàs?
5Dh'fhuiling e 'm bàs, ach dh'éirich e
gu deas làimh Dhé le buaidh;
'N sin tagraidh e ar cùis do shìor,
is bheir làn dìon d'a shluagh.
6Cò nis ma ta a sgaras sinn
o chaidreamh caomh ar Triath?
An sgaoil aon neach an cuibhreach sin
a cheangail sinn r'ar Dia?
7Ged éirich dragh, 's ged bhagair bàs,
's ged iadh gach nàmh mu'n cuairt,
Tre Chriosd bheir sinn gu dùlanach,
orr' uile tuilleadh 's buaidh.
8Ifrinn no talamh, beath' no bàs,
no sàruch ùine buain',
O ghràdh ar Triath cha dealaich sinn,
's cha sgar am feasd sinn uaith.
9Bheir so dhuinn sonas feadh gach linn,
mar rinn e gus an tràs;
O shiorruidheachd gu siorruidheachd
bheir Criosd d'ar n‑an'maibh gràdh.
Currently Selected:
Laoidhean 48: LSN1987
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987