Laoidhean 49
49
LAOIDH 49
1 Cor. 13
1Le briathraibh dhaoin' is aingle nèimh,
ged labhrainn le sgèimh ghrinn;
Impidh ged chuirinn air gach neach
le teangaidh bhlasda bhinn:
2Ard‑fhiosachd Fàidh ged bu leam,
's ged fhoillsichinn rùn Dé;
Gun ghràdh, is faoin gach ni dhiubh so,
cha dean iad dhomh gnè fheim;
3Ged ath'rraichinn le creidimh treun,
na sléibhtean as an ceal,
Is neo‑ni mi gun seirc is gràdh,
cha mhair mo ghràs ach seal.
4Ged bheathaichinn le m' mhaoin am bochd,
's mo chorp ged loisginn fòs,
Air son mo chreddimh, 's mi gun ghràdh,
cha diong e bheag fadheòidh.
5'S fad‑fhulangach neo‑fharmadach,
's is cairdeil gràdh gun cheisd;
Cha dean e uaill á bheartaibh féin,
's cha séidear suas e 'm feasd.
6Droch amharus cha bhi aig gràdh,
's ni foighid ri droch dhaoin':
'S fàth bròin leis iomradh uile is ciont;
's is toigh leis 'n fhìrinn chaoin.
7Giùlan neo‑iomchuidh 's fuath le seirc,
's féin‑spéis nan cleasa claon;
Tha 'cridhe làn le iochd is blàs
do chàch air feadh an t‑sao'il.
8Giulainidh gràdh fad ùine mhòir',
le dòchas nithe 's fearr;
'S fuilingidh è gu macant' sèimh
iom' eucoir agus tàir.
9Air nèamh is talamh, feadh gach cian
sìor‑riaghlaichidh caomh‑sheirc;
Tràth sguireas teangadh 's fiosachd Fàidh,
buan‑mhairidh gràdh gun cheisd.
10'S neo‑fhoirfe 'n so gach gràs air bith,
ach tionnsgnaidh làithe 's fearr,
'S an tig làn‑iomlaineachd a steach,
's an teich gach ni tha cearr.
11An tràs 'nar n‑òige gluaisidh sinn
mar naoidheana gun iùl:
Chum foirf'eachd; ach 'nuair dh'fhàsas sinn,
théid leanbaidheachd air chùl.
12Air thalamh mar tre dhubh‑neul dorch'
is leir' dhuinn dealradh Dhé;
Ach gnùis ri gnùis an nèamh na glòir'
gu soillear chi sinn e.
13Tha creidimh, dòchas agus gràdh,
an tràs an so le chéil';
Ach creidimh 's dòchas fàilnichidh,
's buan‑mhairidh gràdh gach ré.
14Oir sluigear dòchas le làn‑sheilbh,
is creidimh le beachd sùl;
'S iad so na meadhoin, 's i chrìoch gràdh
nach téid gu bràth air chùl.
Currently Selected:
Laoidhean 49: LSN1987
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987