Laoidhean 51
51
LAOIDH 51
2 Cor. 5.1-11
1Grad‑thuitidh 'n corp so sìos do'n ùir
'n a smùr fo chumhachd bàis'
Ach gheibh ar n‑an'ma còmhnuidh 's fearr,
gu h‑àrd le Dia nan gràs:
2Gheibh an'ma naomh' an còmhnuidh 'n sin
'san tigh a thog dhoibh Dia;
Tràth shaorar iad o'n phrìosan thruagh,
's am bheil an cuairt ré cian.
3D'ar n‑uallach talmhaidh sgìth, mar so
's tric thairngear osna leinn;
Ach saoraidh 'm bàs gu caomh sinn uaith,
is dhachaidh suas théid sinn.
4Oir tha ar n‑earbs á tigh a's fearr,
tràth dh'fhàgas sinn a' chriadh;
Cha'n e bhi rùisgt' ach sgeadaichte
ri 'm bheil ar dùil 's ar miann.
5So dòchas ait nan an'ma naomh'
o'n Slàn'ear caomh an tràs,
A thug an Spiorad dhoibh maraon,
mar sheul is earlais gràidh.
6Sìor‑ghluaisidh sinn le creidimh beò,
an gealladh glòrmhor Dhia;
'S bidh sinn, ré fad ar cuairt' sa' chorp,
ag osnaich 'n déigh ar Triath.
7Na 's ait le 'r n‑an'maibh fhaotainn 's fad,
's ro‑fhada leinn e uainn;
Air imrich b' ait leinn dol o'n fheòil,
's ar comhnuidh fhaotainn shuas.
8Ach anns a' chorp, no as a' chorp,
an so no 'n sin 'gam bi,
Sinn féin thoirt suas do sheirbhis Dhia,
'se so ar miann gu sìor.
9Chum caithir‑bhreitheanais Mhic Dhé,
feuch, thèid gach uile neach;
A dh'fhaotainn péin no tuarasdail,
mar thoill iad uaith fa seach.
10Breth chothromach neo‑chlaon an sin
gheibh deadh‑ghnìomh agus lochd;
'S bidh cor gach neach gu siorruidh, réir
a bheus, ma's maith no olc.
Currently Selected:
Laoidhean 51: LSN1987
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987