Laoidhean 53
53
LAOIDH 53
1 Tesal. 4.13-18
1Biodh misneach aig luchd‑muinntir Chriosd,
tràth chi iad luchd an gaoil
A' dol gu codal ann an Ios',
cha‑n i so crìoch an sao'il.
2C'ar son ma ta bhios sibh ri bròn,
mar dhream gun dòchas mòr;
Am bheil sa' bhàs ach teachdair sìth
'gan gairm gu riogh'chd na glòir'?
3Mar chaochail Criosd' 's mar dhùisg e suas
le buaidh o staid a' bhàis:
Is amhluidh dh'éireas fòs a shluagh
le luathghair là a' bhràth.
4O thig an là san tuirling Criosd,
le h‑iolaich, o na neòil,
Le guth Ard‑aingil 's fuaim na truimp,
a chluinn gach marbh is beò.
5'N sin ath'rraichear an dream tha beò,
's dùisgear na slòigh ta marbh;
Liubhraidh gach uaigh na fhuair i féin,
's bidh slèibht' air chrith gu garbh.
6Eiridh na nacámh a suas air tùs,
o'n ùir le h‑aoibhneas mòr;
Ni aingle Dhé an coinneachadh,
's an togail leo gu glòir.
7Le chéile théid iad suas gu h‑ait,
gu tigh an Athar chaoimh,
Sam faigh iad còmhnuidh shior le'n Triath,
gun iarguin is gun chlaoidh.
8Fòs tamull beag, is ruigidh sinn
an caladh ait fadheòidh,
'San coinnich sinn na sgaradh uainn,
's cha dealaich sinn ni 's mò.
Currently Selected:
Laoidhean 53: LSN1987
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987