YouVersion Logo
Search Icon

Laoidhean 59

59
LAOIDH 59
Eabh. 12.1-13
1Feuch neoil ro‑thiugh do fhianuisibh
ag iadhadh airnn mu'n cuairt:
An déigh, mar ainne, fulang cian,
thug Dia leis iad a suas.
2Air lorg nan naomh so ruitheamaid,
chum Chriosd, le foighid bhuain;
Gach leth‑trom 's peacadh leanailteach
grad‑thilgeamaid fad uainn.
3Ach riaghailt‑stiùraidh 's fearr na so,
's ion thoirt fa'near air tùs;
Eisempleir Ios' a stiùras sinn,
tre chreidimh chum ar crùin.
4Ri 'r Ceannard, suas sìor‑dhearcamaid,
neach, air son aoibhneis mhòir
Bha roimhe, dh'fhuiling ceusadh 's nàir
's an tràs tha riaghladh 'n glòir.
5Ma ghiùlain Criosd gu foighidneach
droch chainnt is fanoid sluaigh,
'N ion duine, 'nuair ar sàruchaidh,
bhi gearan cràidh no truaigh'?
6Ri deuchainn ghairbh an d'rinn sibh strì
mar Ios', gu fuil is bàs?
Is focal Dé 'n do dhearmaid sibh,
tha gealltuinn duibh a ghràis.
7A mhic, deir e, le foighidinn,
sìor‑fhuiling mo chaomh‑smachd,
Is creid, 'nuair dhearbhas àmhghar thu,
gu theil aig Dia dhiot tlachd.
8Teagaisgidh 'n t‑Athair caomh mar so
a naomh‑chlann dhileas féin,
G' am fiosrachadh le docair chruaidh,
's le iomadh truaigh is péin.
9Chi sinn mar so gur toigh leis sinn,
tràth smachdaichear sinn leis,
'S nach leig e uaith air seachran sinn,
gun suim air bith d'ar leas.
10Do ghuth ar n‑Athar thalmhaidh bhos,
nach tric a thug sinn géill?
'S do thoil ar n‑Athar nèamhaidh shuas
nach toir sinn suas sinn féin?
11Bheir Athair talmhaidh smachd gu tric,
gun fhios c'ar son d'a chloinn;
Ach Dia a mhàin a chum ar leas,
bheir dochair 's euslaint dhuinn.
12Is deacair leinne achmhasan
is smachdachadh ar Dé;
Ach toradh sàth, is fìreantachd
gu siorruidh thig 'nan déigh.
13A nis ma ta na meathar sinn
le misnich lag ni 's mò;
Ach earbamaid á tròcair Dhé,
's dha géilleamaid r'ar beò.

Currently Selected:

Laoidhean 59: LSN1987

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in