YouVersion Logo
Search Icon

Laoidhean 58

58
LAOIDH 58
Air dhòigh eile (Eabh. 4.14-16)
1San teampull am bheil Dia 'na thàmh,
(Tigh nach do thogadh riamh le làimh,)
Tha Sagart àrd a' chinne‑daoin',
Ar Slànuighear 's ar caraid caoin.
2Esan a sheas an àit a shluaigh,
Dhòirt 'fhuil 'nan riochd, 's a luidh san uaigh,
Tha cuimhneach orra fòs air nèamh,
An Slànuighear 's an caraid sèimh.
3Ge h‑àrd e nis 's na nèamhaibh shuas
Tha 'shùil a' dearcadh oirnn a nuas;
Làn sgeadaichte le nàdur dhaoin',
Tha e mìn eòlach air an saoth'r,
4Co‑fhulangas tha aige ghnàth.
'S co‑mhothachadh ri 'r n‑uile chràdh;
Tha cuimhn' aig air a thrioblaid féin
A dheoir, a ghoimh, is 'osnaich gheur.
5Gach dòrainn dh'fheudas oirnne teachd,
Fo shamhuil sin rinn esan gleachd;
D'ar n‑uile bhròn tha 'chuid‑san mòr,
Is bheir e cabhair dhuinn gu leòr.
6Fa'n aobhar sin thèid sinn gu dàn
Le 'r n‑uile ghearan gus a làth'r;
Is guidhidh sinn a chòmhnadh treun
G'ar cuideachadh an uair ar feum.

Currently Selected:

Laoidhean 58: LSN1987

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in