YouVersion Logo
Search Icon

Laoidhean 57

57
LAOIDH 57
Eabh. 4.14-16
1Iosa Mac Dhé, leig aon uair sìos
a bheath' air son a shluaigh,
Tha nis a' tagradh 'n cùis air nèamh
mar shagart treun bheir buaidh.
2Tre beatha 's bàs sìor‑leanamaid
ri Criosd gu daingean dlùth:
O chreidimh 's dòchas gheibh sinn neart
is théid gach geilt air chùl.
3Gu borb cha bhuin ri laigse dhaoin'
caomh‑Shagart àrd an àigh;
Tha 'chridhe làn do thruacantachd,
tha 'anam làn do ghràdh.
4Co‑fhulangas tha aig an Triath
air iarguin 's laigs' a shluaigh;
Oir dh'fhiosraich e 'na phearsa féin
gach deuchainn agus truaigh'.
5Seadh, dh'fhiosraich e 'na phearsa féin,
gidheadh as eugmhais lochd:
Oir nàdur duine ge do ghabh,
cha b'aithne dhasan olc.
6Bu tuirseach deurach air ar son,
a chaith e 'làith' fo'n ghréin;
'S ge h‑àrd e nis air deas làimh Dhé,
co‑mhothaichidh ar péin.
7Le dànachd naomha, uime sin,
théid sinn gu 'chaithir‑ghràis;
Is fàth gach gearain dòirtidh sinn
'n a fhianuis anns gach càs;
8A chum gu'n còmhnadh esan leinn
réir saoibhireachd a ghràis;
'S gu'n tugadh e d'ar n‑an'maibh lag
neart agus fois gu bràth.

Currently Selected:

Laoidhean 57: LSN1987

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in