Laoidhean 56
56
LAOIDH 56
Tìtus 3.3-9
1Aidichidh sinn le tuirse cridh'
ro mheud ar ciont', a Dhé,
B' amaideach faoin ar n‑uile smuain,
's cha b'fhearr ar giulan gnè.
2Ach thoir, O m'anam, cliu is gràdh
do àrd‑ainm Righ nan sluagh,
Nach d'fhàg thu 'm feasd, gun teasairginn,
am peacadh, nàire, 's truaigh.
3Cha‑n ann tre oibribh fìreantachd,
no gnìomh ar làmha féin,
Ach tre ghràs Dhé, an Iosa Criosd,
a shaorar sinn o phéin.
4Is ann an tròcair Dhé a mhàin,
a ta ar muinghinn threun;
A thròcair shaor ar n‑an'ma truagh',
's ghlan uainn gach ciont' is beud.
5Tha 'n Spiorad dhòirteadh oirnn tre Ios',
a' nigheadh dhinn gach sal,
A' fadadh teas ghràidh feadh ar cridh',
's 'gar deanamh naomha glan.
6Mar so, làn‑fhìreanaicht' le gràs;
gach là le beatha nuaidh
Sìor ghluaisidh sinn, 's an Spiorad leinn,
gu ruig ar n‑oighreachd shuas.
7Na h‑uile 'gam bheil shamhuil so
do chreidimh 's dòchas naomh,
Sìor‑dhearbhadh iad, le giùlan maith,
nach 'eil an dòchas faoin.
Currently Selected:
Laoidhean 56: LSN1987
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987