YouVersion Logo
Search Icon

Laoidhean 55

55
LAOIDH 55
2 Tim. 4.6,7,8,18
1Chriochnaich mi nis mo chath 's mo réis;
is dlùth dhomh eug is uaigh;
M'anam a choisrig mi do Dhia,
triallaidh gu nèamh le buaidh.
2Le armaibh nèamhaidh chuir mi 'n cath,
fo bhrataich Chriosd mo Thriath:
Ruith mi mo réis, mo dhìlseachd dhearbh,
's tha m' earbs' á duais o m' Dhia.
3Fa m' chomhair‑sa thaisg Dia air nèamh,
gu tèaruint' crùn na glòir';
'Chuireas a làmh‑san air mo cheann
air teachd do'n là mhòr.
4Mo Dhia cha d' orduich dhomhsa mhàin
an coron so mar dhuais;
Ach do gach neach le'n ionmhuinn teachd
a mhic, o nèamh a nuas.
5O lochd 's o chunnart dionaidh Criosd;
mo choimhead ni gach uair;
'S gu tèaruint' m'anam treòraichidh
gu rìogh'chd na glòire shuas
6Bheir mi, le còmhnadh treun mo Thriath,
dùlan do ifrinn féin;
Is dhasan gu robh glòir ro‑àrd
is cliu gu bràth. Amen!

Currently Selected:

Laoidhean 55: LSN1987

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in