Laoidhean 62
62
LAOIDH 62
2 Pead. 3.3-14
1Feuch! anns na làithibh deireannach
suas éiridh gineal olc;
D'am miannaibh peacach bheir iad srian
's 'nam briathraibh their mar so:
2C' àit bheil an gealladh thuirt o shean
gu robh am bredtheamh dlùth?
O linn ar sinnsear gus a so,
cha‑n fhaic sinn gnè do mhùth.
3Tha bliadhn' air bhliadhnaibh ruith gun tàmh,
mar bha o thùs an t‑sao'il:
'S mar thonn air thuinn a' ruith gu tràigh,
gu bràth bidh gineal dhaoin'.
4So deir iad, aineolach d'an deòin
gu'n d' dhòirteadh tuil a nuas,
A sgrios an saoghal ceannairceach
a chaidh air seachran truagh.
5Ach sgrios nach ionnan gheibh an saogh'l‑s'
's na daoine olc a t'ann;
Le teine lasrach millear iad,
's is gearr gu ruig an t‑àm.
6Ge fada leis na naoimh an ùin',
's an dùil ri teachd an Triath,
'Na shealladh‑san is ionnan là
is linn, no mile bliadhn'.
7Cha dìchuimhn' geallaidh rug ar Criosd,
ach gaol bhi 'n aith ri daoin';
A' feitheamh dh'fheuch am pillear leo,
's an iarr iad tròcair chaoin.
8Gidheadh mar ghaduich anns an oidhch'
nach cum na croinn a mach,
Grad‑thuirlingidh an Triath a nuas,
's thig fuathas air gach neach.
9Le tairneanaich 's le dealan speur.
na nèamha teichidh as;
Na dùilean leaghaidh, 's théid an saogh'l
'n a chaoiribh le dian theas.
10O'n théid gach ni mar so a sgrios.
mar fhuair sinn fios o Dhia.
Nach iomchuidh dhuinne deasachadh
fa chomhair teachd ar Triath.
11Cia naomh bu chòir dhuinn bhi gach uair
'nar smuain, 'nar cainnt, 's 'nar gnìomh.
'Nuair tha ar sùil ri crìch an t‑saogh'l
's ri caochladh gach aoin ni?
Currently Selected:
Laoidhean 62: LSN1987
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987