YouVersion Logo
Search Icon

Laoidhean 63

63
LAOIDH 63
1 Eòin 3.1-4
1Feuch! saoibhreas iongantach a ghràidh
thug Dia ar slèinte dhuinn,
Peacach is truaillidh fòs ged bha,
dann dhasan rinneadh dhinn.
2Folaicht' tha 'n t‑urram so an tràs,
's ro‑àrd á sealladh dhaoin;
Mar so air Criosd e féin san fheòil
neo‑eòlach bha an saogh'l.
3Is àrd ar n‑inbhe cheana 'n so,
ach 's àirde bhios sinn shuas;
Gidheadh an inbhe sin cha léir
do neach fo'n ghréin 's an uairs'.
4Ach 's léir dhuinn so, gu faic sinn Dia,
ar Triath, seadh gnùis ri gnùis;
'S gu'n iompaichear gu 'choslas sinn
tràth mhosglas sinn o'n ùir.
5Gach neach 'gam bheil an dòchas so
'n a chòmhradh is 'n a ghnìomh,
Biodh déigh aig air bhi naomh is glan,
ceart amhuil a bha Criosd.

Currently Selected:

Laoidhean 63: LSN1987

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in