Laoidhean 64
64
LAOIDH 64
Taisb. 1.5-9
1Dhasan a ghràdhaich an'ma dhaoin',
's a dhòirt gach braon d'a fhuil,
A chum ar cionta ghlanadh uainn,
's ar deanamh naomh gu tur:
2Dhasan rinn sagairt 's rìghrean dhinn,
air feadh gach linn, do Dhia,
Biodh moladh, urram agus gràdh,
gu bràth air feadh gach ial.
3Lionar gach beul le binn‑cheòl da,
's gach cridh' le teas‑ghràdh caomh.
Air talamh canar moladh dha,
's gu h‑àrd le ainglibh naomh'.
4Feuch teachd mhic Dé air neulaibh tiugh',
's ro‑ait, le 'shluagh an là;
Ach guilidh a luchd‑casgraidh truagh,
le àmhghar is le cràdh.
5'S tu 'n ceud neach, 's an neach deireannach,
's leat bith gun tùs gun chrìoch;
Maith, glic, is uile‑chumhachdach,
bha tha thu, 's bithidh chaoidh.
Currently Selected:
Laoidhean 64: LSN1987
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987