YouVersion Logo
Search Icon

Laoidhean 65

65
LAOIDH 65
Taisb. 5.6-14
1Air caithir rìoghail 'Athar féin,
feuch dealradh glòir' an Uain;
Ur‑urram deasaichibh d'a ainm,
is bibh le taing 'ga luadh.
2Feuch, ìosal aig a chosaibh striochdt'
tha 'n Eaglais shiorruidh shuas,
Le boltrach cùbhraidh ìobairt thùis'
's le clàraibh ciùil ri fuaim.
3Is iad so urnuighean nan naomh,
's na laoidhean tha iad seinn;
Ri 'n urnuigh cromaidh Criosd a chluas,
do'n luathghair gabhaidh suim.
4Rùn dìomhair siorruidh do thoil' naoimh.
O Athair, cò d'an léir?
Cò ach do mhac a leughas sin,
's a dh'fhuasgaileas gach seul!
5Cluinn! armailt nèimh le'n luathghair ait,
timchioll na caithreach‑righ;
Mìlte do mhìltibh 's àireamh dhoibh,
ach 's aon a mhàin an cridh'.
6'S airidh an t‑Uan, a dh'ìobaireadh,
deir iad, air inbh' ro‑àrd!
'S airidh, oir b'e ar n‑ìobairt‑ne,
co‑fhreagradh daoin' 's gach àit!
7Is airidh an t‑Uan, a strìochd do'n bhàs,
air àgh is beannachd buan;
Biodh slàinte, glòir, is aoibhneas àrd
gu bràth air ceann an Uain!
8O'r cionta shaor e sinn le 'fhuil,
's thug braighde truagh' á péin;
Rinn sagairt 's rìghrean dhinn do Dhia,
gu riaghladh shuas leis fèin.
9As gach aon teangaidh agus tìr,
thional 's thug Criosd a shliochd;
Gach dùthaich chéin is innis cuain,
fios fhuair air saoibhreas 'iochd.
10'S airidh air géill 's air ceannsal Criosd,
air talamh 's nèamh gu bràth;
Is cliu ni 's fearr na 's urrainn daoin',
thugadh naomh‑aingle dha!
11Gach neach tha 'g àiteachadh nan nèamh,
no chruinne‑ché a bhos;
Gach dùil air bith, do Righ nan sluagh,
seinnibh gach uair gun fhois.
12An cruthach' aontaicheadh gu léir,
thoirt géill is cliu do'n Triath,
Tha riaghladh anns na nèamhaibh shuas,
's do'n Uan air feadh gach ial.

Currently Selected:

Laoidhean 65: LSN1987

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in