Laoidhean 67
67
LAOIDH 67
Taisb. 21.1-9
1Nach glòrmhor àrd an sealladh so,
chithear le sùilibh dhaoin'!
Am fonn 's an fhairge gabhail seach,
's na speura sean maraon.
2O nèamh thig Nuadh Ierusalem,
làn ulluichte d'a Righ;
Feuch nis gach ni ath‑nuadhaichte;
is fhuair sinn àgh gu sìor.
3Cliu seinnidh aingle coimheadachd,
is armailt fhlathail nèimh.
Feuch, chi gach sùil a' chaithir righ
air an suidh Iosa féin.
4Dh'atharraich Dia chum dhaoin' a nuas
a phàilliun uasal naomh:
Le daoin' tha chòmhnuidh; 's iad a shluagh;
's d'a shluagh 's e 'n tearmunn caomh.
5Deur mulaid siabaidh e le 'làimh
gu cairdeal bhàrr an gruaidh;
Is eugaidh eagal, caoidh, is cràdh,
is àmhghar, bàs is uaigh.
6Feuch, gach ni saoghalt' caochlaidh mi!
so deir an Righ sìor‑bheò;
An domhan as an amharc théid,
's cha ruith ùin' féin ni 's mò.
7'S mi 'n ceud neach, 's an neach deireannach,
gun ath'rrachadh, gu bràth;
ATAIM: so m'ainm 's mo chuimhneachan
air feadh gach linn gu bràth;
8Do dhaoinibh bheir mo ghràsa pailt
ni maith, gun luach, gu saor;
O dhuine thartmhoir, òl do dhiol
do'n ìoc‑shlàint so nach traogh.
9Do'n ti bheir buaidh air eusaontas,
bheir mise oighreachd mic;
Is aidichidh mi 'n lath'r gach sluaigh,
a ghluasad naomha glic.
10Ach daoine neòghlan 's breugairean
's luchd‑muirt thug spéis do bhàs,
Le mheud 's a dhiùlt gu h‑amaideach
mo ghràs, le fanoid 's tàir;
11A'm' fhianuis tilgear fada sios,
an cuibhreich shiorruidh chruaidh,
Gu builsgean faìrge lasaraich,
sam faigh iad peanas buan.
12O bitheam‑sa air deas làimh Chriosd,
tràth dhiobras fonn is cuan;
Is faigheam fàilte uaith air m' ainm
gu sonas anmhor buan.
Currently Selected:
Laoidhean 67: LSN1987
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987