Lùcas 23
23
Ìosa mu choinneamh Phìlat agus Herod
1An uair sin dh'èirich a' chuideachd gu lèir agus thug iad gu Pìlat e. 2Agus thòisich iad air casaidean a chur air, ag ràdh, “Fhuair sinn am fear seo a' cur ar nàisean air seachran agus gar bacadh o chìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd, a tha na rìgh.”
3Dh'fhaighnich Pìlat dha, “An tusa Rìgh nan Iùdhach?”
Agus fhreagair esan e, “Tha thu ga ràdh.”
4An uair sin thuirt Pìlat ris na h‑àrd‑shagartan agus ris an t‑sluagh, “Chan eil mi a' faighinn coire sam bith anns an duine seo.”
5Ach chùm iadsan orra, ag ràdh, “Tha e a' brosnachadh an t‑sluaigh, a' teagasg tro Iudèa uile, o Ghalile far an do thòisich e eadhon thuige seo.”
6Nuair a chuala Pìlat seo, dh'fhaighnich e am b' e Galilèach a bh' anns an duine. 7Agus nuair a fhuair e a‑mach gum b' ann fo uachdaranas Heroid a bha e, chuir e gu Herod e, a bha e fhèin ann an Ierusalem aig an àm sin.
8Nuair a chunnaic Herod Ìosa bha e fìor thoilichte, oir bha e a' miannachadh fhaicinn airson ùine mhòir air sgàth 's na chuala e ma dheidhinn agus bha e an dòchas fhaicinn‑san a' dèanamh comharra air choreigin. 9Mar sin cheasnaich e le mòran cheistean e, ach cha tug esan freagairt sam bith dha. 10Sheas na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean a' cur chasaidean air gu cruaidh. 11An uair sin chuir Herod agus a shaighdearan ann an suarachas e agus rinn iad magadh air. Agus às dèidh a sgeadachadh ann an aodach àlainn, chuir e air ais gu Pìlat e. 12Thàinig Herod agus Pìlat gus a bhith nan caraidean air an latha sin, oir roimhe sin bha iad nàimhdeil ri chèile.
13Ghairm Pìlat an uair sin còmhla na h‑àrd‑shagartan, na riaghladairean agus an sluagh, 14agus thuirt e riutha, “Thug sibh thugamsa an duine seo, mar neach a tha a' tionndadh an t‑sluaigh a thaobh. Tha mi air a cheasnachadh nur làthair agus cha d' fhuair mi coire sam bith san duine seo a thaobh nan casaidean a tha sibh a' dèanamh na aghaidh. 15Cha mhotha a fhuair Herod, oir chuir e air ais thugainn e. Mar sin cha deach rud sam bith a dhèanamh leis a tha airidh air bàs. 16Mar sin peanasaichidh mise e agus leigidh mi mu sgaoil e.”
17[A‑nis dh'fheumadh e aon phrìosanach a leigeil mu sgaoil dhaibh aig an Fhèill.#23:17 Chan eil na faclan seo anns na làmh‑sgrìobhainnean as tràithe.]
18Agus dh'èigh iad uile a‑mach, ag ràdh, “Air falbh leis an fhear seo! Leig Barabas mu sgaoil dhuinn!” 19Fear a chaidh a thilgeil dhan phrìosan airson ceannairc àraidh a thòisich anns a' bhaile, agus airson murt.
20Bhruidhinn Pìlat riutha a‑rithist, ag iarraidh a leigeil ma sgaoil. 21Ach chùm iad orra ag èigheach, “Ceus e! Ceus e!”
22Ach an treas uair thuirt e riutha, “Carson, dè an t‑olc a rinn e? Cha d' fhuair mise ciont sam bith ann a tha airidh air bàs. Mar sin, peanasaichidh mi e agus leigidh mi mu sgaoil e.”
23Ach le èighean mhòra, ge‑tà, dh'iarr iad gum biodh esan air a cheusadh, agus bhuadhaich an guthan‑san. 24Mar sin roghnaich Pìlat gun deigheadh na dh'iarr iad a dhèanamh. 25Leig e mu sgaoil an duine a bha air a bhith air a thilgeil dhan phrìosan airson ceannairc agus murt, an neach a dh'iarr iad, ach thug e thairis Ìosa dhan toil‑san.
Ìosa air a Cheusadh
26Fhad 's a threòraich iad air falbh e, rug iad air fear Sìmon o Chìrene, a bha a' tighinn a‑steach on dùthaich; agus chuir iad an crann‑ceusaidh air, airson a ghiùlain às dèidh Ìosa. 27Agus lean buidheann mhòr e dhen t‑sluagh agus de bhoireannaich a bha cuideachd ri bròn agus a' caoineadh air a shon. 28Ach a' tionndadh thuca, thuirt Ìosa, “A nigheanan Ierusaleim, na caoinibh air mo shon‑sa, ach caoinibh air ur son fhèin agus airson ur cloinne. 29Oir seallaibh, tha na làithean a' tighinn anns an can iad, ‘Is beannaichte na boireannaich neo‑thorrach, agus na bronnan nach do ghiùlain clann, agus na cìochan nach tug bainne!’ 30An uair sin,
“‘tòisichidh iad air cantainn ris na beanntan, “Tuitibh oirnn!”
Agus ri na cnuic, “Falaichibh sinn!”’#Hos. 10:8
31“Oir ma nì iad na rudan seo nuair a tha am fiodh uaine, dè a thachras nuair a bhios e tioram?”
32Chaidh dithis eile cuideachd, a bha nan eucoraich, a threòrachadh air falbh gus a bhith air an ceusadh còmhla ris. 33Nuair a thàinig iad chun an àite ris an canar An Claigeann, an sin cheus iad e, agus na h‑eucoraich – fear dhiubh air a làimh dheis agus am fear eile air a làimh chlì. 34Agus thuirt Ìosa, “Athair, thoir mathanas dhaibh, oir chan aithne dhaibh dè tha iad a' dèanamh.”#23:34 Chan eil na faclan seo anns na làmh‑sgrìobhainnean as tràithe. Agus airson a chuid aodaich a roinn thilg iad croinn.
35Agus sheas an sluagh a' coimhead, agus rinn na riaghladairean magadh air, ag ràdh, “Shàbhail e daoine eile; sàbhaileadh e e fhèin, mas e seo Crìosd Dhè, am Fear Taghte.”
36Agus rinn na saighdearan cuideachd magadh air, a' tighinn suas thuige agus a' tairgsinn fìon‑geur dha 37agus ag ràdh, “Mas tu Rìgh nan Iùdhach, sàbhail thu fhèin.”
38Agus bha sgrìobhadh cuideachd os a chionn#23:38 Tha cuid de làmh‑sgrìobhainnean a' cur a‑steach “ann an litrichean Greugais, agus Laideann, agus Eabhra”.: “IS E SEO RÌGH NAN IÙDHACH.”
39A‑nis thug aon dhe na h‑eucoraich a chaidh a chrochadh toibheum dha, ag ràdh, “Nach tusa an Crìosd? Saor thu fhèin agus sinne!”
40Ach chronaich am fear eile e, ag ràdh, “Nach eil eagal Dhè idir ort, on a tha thu fon aon dìteadh? 41Oir tha sinne ga fhaighinn ann an ceartas, dìoladh iomchaidh airson ar gnìomhan. Ach cha do rinn an duine seo cron sam bith.”
42Agus thuirt e, “Ìosa, cuimhnich ormsa nuair a thig thu a‑steach dhad rìoghachd.”
43Agus thuirt esan, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, an‑diugh bidh thu còmhla riumsa ann am Pàrras.”
Bàs Ìosa
44Bha e a‑nis mu mheadhan‑latha#23:44 Gu lit.: “an t‑siathamh uair” agus thàinig dorchadas thairis air an tìr gu lèir gu trì uairean feasgar#23:44 Gu lit.: “an naoidheamh uair”, 45oir chaidh solas na grèine fhalach. Agus chaidh cùirtear an teampaill a shracadh na mheadhan. 46An uair sin dh'èigh Ìosa le guth àrd, “Athair, a‑steach dhad làmhan‑sa tha mi ag earbsa mo spiorad!” Agus nuair a thuirt e seo, thug e suas an deò.
47A‑nis, nuair a chunnaic an ceannard‑ceud an rud a chaidh a dhèanamh, thug e glòir do Dhia, ag ràdh, “Gu cinnteach bha an duine seo ionraic.” 48Nuair a chunnaic an sluagh uile a bh' air cruinneachadh airson an t‑seallaidh sin na rudan a chaidh a dhèanamh, thill iad air ais dhachaigh a' bualadh an cuim. 49Agus sheas a luchd‑eòlais uile, agus na boireannaich a lean e o Ghalile, fad às, a' coimhead air na rudan sin.
Adhlacadh Ìosa
50A‑nis bha duine ann air an robh an t‑ainm Iòsaph, ball dhen chomhairle, a bha na dhuine math agus na fhìrean, 51nach robh air aontachadh len co‑dhùnadh no len gnìomh. B' ann o Arimatèa, baile Iùdhach, a bha e agus bha e a' feitheamh air rìoghachd Dhè. 52Chaidh an duine seo gu Pìlat agus dh'iarr e corp Ìosa. 53An uair sin thug e a‑nuas e, shuain e ann an anart e agus chuir e ann an tuam a chaidh a ghearradh à creig e, anns nach deach duine a chur riamh. 54B' e Latha an Ullachaidh a bh' ann, agus bha an t‑Sàbaid a' tòiseachadh.
55Lean na boireannaich a bh' air tighinn còmhla ri Ìosa o Ghalile, agus chunnaic iad an tuam agus mar a chaidh a chorp a chur na shìneadh ann. 56An uair sin thill iad agus dh'ullaich iad spìosraidhean agus olaichean‑cùbhraidh. Agus ghabh iad fois air latha na Sàbaid, a rèir na h‑àithne.
S'ha seleccionat:
Lùcas 23: ATN
Subratllat
Comparteix
Copia
Vols que els teus subratllats es desin a tots els teus dispositius? Registra't o inicia sessió
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024