Lùcas 24
24
An Aiseirigh aig Ìosa
1Ach air a' chiad latha dhen t‑seachdain, ann an camhanaich an latha, chaidh iad chun an tuaim, a' toirt leotha nan spìosraidhean a dh'ullaich iad. 2Agus fhuair iad a' chlach air a roiligeadh on tuam, 3ach nuair a chaidh iad a‑steach, cha d' fhuair iad corp an Tighearna Ìosa. 4Fhad 's a bha iad ann an imcheist mun seo, seall, sheas dithis dhaoine ann an aodaichean deàlrach rin taobh. 5Agus a' gabhail an eagail, chrom iadsan an aghaidhean chun na talmhainn. Thuirt na daoine riutha, “Carson a tha sibh a' sireadh an fhir a tha beò am measg nam marbh? 6Chan eil e an seo, ach tha e air èirigh! Cuimhnichibh mar a thuirt e ribh fhad 's a bha e fhathast ann an Galile: 7‘Feumaidh Mac an Duine a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach, agus a bhith air a cheusadh, agus èirigh a‑rithist air an treas latha.’” 8Agus chuimhnich iad air na faclan aige.
9An uair sin, a' tilleadh on tuam, dh'innis iad na rudan seo uile dhan aon fhear dheug, agus dhan fheadhainn eile gu lèir. 10A‑nis b' iad Màiri Magdalen, Ioanna agus Màiri màthair Sheumais, agus na boireannaich eile a bha còmhla riutha, a dh'innis na rudan seo dha na h‑abstoil. 11Ach bha na faclan seo mar fhaoin‑sgeulan dhaibh, agus cha robh iad gan creidsinn. 12Ach dh'èirich Peadar agus ruith e chun an tuaim. Chrom e sìos agus chunnaic e na stiallan anairt leotha fhèin; agus dh'fhalbh e dhachaigh, a' gabhail iongnadh mu na bh' air tachairt.
Air an Rathad gu Emàus
13Agus seall, air an latha sin fhèin bha dithis dhiubh a' dol gu baile air an robh an t‑ainm Emàus, a bha mu sheachd mìle#24:13 Sa Ghreugais: seasgad stadia/stàid (mu aon chilemeatair deug o Ierusalem) o Ierusalem. 14Bha iad a' còmhradh ri chèile mu na rudan seo uile a bh' air tachairt. 15Fhad 's a bha iad a' còmhradh agus a' deasbad, thàinig Ìosa faisg orra agus choisich e còmhla riutha. 16Ach bha an sùilean air an cumail o bhith ga aithneachadh.
17Thuirt e riutha, “Dè na gnothaichean a tha sibh a' deasbad eadaraibh fhad 's a tha sibh a' coiseachd?”
Sheas iad gun ghluasad, an aghaidhean dubhach. 18An uair sin fhreagair fear dhiubh air an robh an t‑ainm Cleopas e, “An tusa an t‑aon neach‑tadhail ann an Ierusalem aig nach eil fios air na chaidh a dhèanamh an sin anns na làithean seo?”
19Agus thuirt e riutha, “Dè na rudan?”
“Na rudan a thachair do dh'Ìosa o Nàsaret, duine a bha na fhàidh cumhachdach ann an gnìomh agus ann am facal mu choinneamh Dhè, agus an t‑sluaigh gu lèir. 20Agus mar a thug na h‑àrd‑shagartan agus ar riaghladairean thairis gu dìteadh bàis e, agus mar a cheus iad e. 21Ach bha dòchas againne gum b' esan am fear a bha a' dol a shaoradh Israeil – seadh, agus a thuilleadh air a seo uile, is e an‑diugh an treas latha on a thachair na rudan seo. 22Agus rud eile: chuir cuid de bhoireannaich o ar measg iongnadh oirnn. Bha iad aig an tuam tràth anns a' mhadainn, 23agus nuair nach d' fhuair iad a chorp, thàinig iad air ais ag ràdh cuideachd gum faca iad sealladh de dh'ainglean a thuirt gu bheil e beò. 24Chaidh cuid dhen fheadhainn a bha còmhla rinn fhèin chun an tuaim, agus fhuair iad e dìreach mar a thuirt na boireannaich, ach esan chan fhaca iad.”
25Thuirt e riutha, “A dhaoine amaideach agus mall‑chridheach gus a bhith a' creidsinn a h‑uile rud uile a thuirt na fàidhean! 26Nach fheumadh Crìosd na rudan seo fhulang, agus a dhol a‑steach dha ghlòir?” 27Agus a' tòiseachadh le Maois is o na fàidhean gu lèir, dh'eadar‑mhìnich e dhaibh anns na Sgriobtaran uile na rudan ma thimcheall fhèin.
28Theann iad dlùth ris a' bhaile dhan robh iad a' dol. Leig esan air gun robh e a' dol na b' fhaide air adhart. 29Ach chuir iadsan ìmpidh air, ag ràdh, “Fan còmhla rinn, oir tha e faisg air an fheasgar is cha mhòr nach eil an latha seachad.” Agus chaidh e a‑steach airson fuireach còmhla riutha.
30Nuair a shuidh e aig a' bhòrd còmhla riutha, ghlac e an t‑aran, bheannaich e, bhris e agus thug e dhaibh e. 31Agus chaidh an sùilean fhosgladh agus dh'aithnich iad e. Is chaidh e às an t‑sealladh orra. 32Agus thuirt iad ri chèile, “Nach robh ar cridheachan a' lasadh annainn fhad 's a bha e a' bruidhinn rinn air an t‑slighe, fhad 's a dh'fhosgail e dhuinn na Sgriobtaran?”
33Agus dh'èirich iad san uair sin fhèin, agus thill iad gu Ierusalem, far an d' fhuair iad an t‑aon fhear deug agus an fheadhainn a bha cuide riutha cruinn còmhla, 34ag ràdh, “Dh'èirich an Tighearna dha‑rìribh agus nochd e ri Sìmon!” 35An uair sin dh'innis iad na bh' air tachairt air an rathad, agus mar a chaidh esan aithneachadh leotha ann am briseadh an arain.
Ìosa a' Nochdadh ris na Deisciobail
36Fhad 's a bha iad fhathast a' bruidhinn mu na rudan seo, sheas Ìosa fhèin nam measg, agus thuirt e riutha, “Sìth dhuibh.”
37Ach bha iadsan air an clisgeadh agus fo eagal, is shaoil iad gum b' e spiorad a chunnaic iad. 38Agus thuirt e riutha, “Carson a tha sibh fo uallach, 's carson a tha ceistean ag èirigh nur cridheachan? 39Coimheadaibh air mo làmhan agus air mo chasan, oir 's mi fhèin a th' ann. Làimhsichibh mi agus coimheadaibh, oir chan eil feòil is cnàmhan aig spiorad, mar a chì sibh a th' agamsa.”
40Agus nuair a bha e air sin a ràdh, sheall e dhaibh a làmhan agus a chasan. 41Agus fhad 's a bha iad fhathast mì‑chreidmheach air sgàth aoibhneis, agus fo iongnadh, thuirt e riutha, “A bheil sìon ri ithe agaibh an seo?” 42Thug iad dha pìos èisg ròiste#24:42 Tha cuid de làmh‑sgrìobhainnean, gu h‑àraidh on 9mh linn, a' cur a‑steach “agus de chìr‑mheala”., 43agus ghlac e e, agus dh'ith e mun coinneamh e.
44An uair sin thuirt e riutha, “Is iad seo m' fhaclan‑sa a thuirt mi ribh fhad 's a bha mi fhathast còmhla ribh, gum feumadh a h‑uile sìon a tha sgrìobhte mum dheidhinn‑sa ann an Lagh Mhaois is anns na Fàidhean is anns na Sailm a bhith air a choileanadh.”
45An uair sin dh'fhosgail e an inntinnean airson 's gun tuigeadh iad na Sgriobtaran. 46Agus thuirt e riutha, “Mar seo tha e sgrìobhte, gum feumadh an Crìosd fulang agus èirigh o na mairbh air an treas latha, 47agus gum feumadh aithreachas is mathanas pheacaidhean a bhith air a shearmonachadh na ainm‑san dhan a h‑uile nàisean, a' tòiseachadh o Ierusalem. 48Tha sibh nur fianaisean air na rudan seo. 49Agus seallaibh, tha mise a' cur gealladh m' athar a‑mach oirbh; ach fanaibh‑se anns a' bhaile gus an tèid ur sgeadachadh le cumhachd on àirde.”
Ìosa a' Dol suas gu Nèamh
50An uair sin threòraich e a‑mach iad cho fada ri Betani, agus a' togail suas a làmhan, bheannaich e iad. 51Fhad 's a bha e gam beannachadh, dhealaich e riutha agus chaidh a thoirt suas gu nèamh. 52Agus rinn iad adhradh dha is thill iad gu Ierusalem le mòr‑aoibhneas. 53Agus bha iad an‑còmhnaidh anns an teampall, a' moladh Dhè.
S'ha seleccionat:
Lùcas 24: ATN
Subratllat
Comparteix
Copia
Vols que els teus subratllats es desin a tots els teus dispositius? Registra't o inicia sessió
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024