Sailm 1
1
1’S beannaicht’ an duine sin nach gluais
an comhairle nan daoi,
An slighe fhiair nam peacach baoth
na sheasamh fòs nach bi;
An cathair fanaid luchd an spòrs
nach togair suidh’ gu bràth,
2Ach ga bheil toil do naomh-reachd Dhè,
ga smaoineach’ oidhch’ is là.
3Mar chraoibh is amhlaidh bithidh e
’n cois aibhne fàs a tha,
A bheir na h-aimsir toradh trom,
gun duilleach chall no blàth.
Soirbhichidh leis gach nì dan dèan:
4ni h-amhlaidh sin do bhi
Na daoine peacach, ach mar mholl
air fhuadachadh le gaoith.
5Is uime sin cha seas a suas
na h-aingidh anns a’ bhreith,
No peacaich ann an comann naomh
nam fìreanach air leth.
6Oir ’s fiosrach Dia air slighe ghloin
nam fìreanach air fad;
Ach slighe fhiar nam peacach baoth,
dì-mhilltear i gu grad.
اکنون انتخاب شده:
Sailm 1: SD1826
هایلایت
به اشتراک گذاشتن
کپی
می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000