Logo ya YouVersion
Elilingi ya Boluki

Genesis 3

3
1 Cealg na nathrach. 6 Peacadh an duine, 15 agus gealladh saorsa Dhè trìd sìol na mnatha.
1Agus bha#Tais 12:9 an nathair na bu sheòlta#2 Cor 11:3 na aon de bheathaichean na machrach a rinn an Tighearna Dia. Agus thubhairt i ris a’ mhnaoi, Seadh, an dubhairt Dia, Chan ith sibh de gach craoibh anns a’ ghàrradh?
2Agus thubhairt a’ bhean ris an nathair, De mheas craobhan a’ ghàrraidh faodaidh sinn ithe:
3Ach de mheas na craoibhe a tha ann am meadhon a’ ghàrraidh, thubhairt Dia, #Gen 3:17Chan ith sibh dheth, agus cha bhean sibh ris, a‑chum nach faigh sibh bàs.
4Agus thubhairt#Eòin 8:44 an nathair ris#1 Tim 2:14 a’ mhnaoi, Gu cinnteach chan fhaigh sibh bàs;
5Oir tha fhios aig Dia, anns an là a dh’itheas sibh dheth, gum fosglar ur sùilean, agus gum bi sibh mar dhiathan, fiosrach air math agus air olc.
6Agus chunnaic a’ bhean gu robh a’ chraobh math a‑chum bìdh, agus na craoibh ra miannachadh a dhèanamh neach glic: agus ghabh i de a meas agus dh’ith i, agus thug i mar an ceudna da fear maille rithe, agus dh’ith e.
7Agus dh’fhosgladh an sùilean le chèile, agus dh’aithnich iad gu robh iad lomnochd#Gen 2:23; agus dh’fhuaigh iad duilleach croinn‐fhìge ri chèile, agus rinn iad dhaibh fhèin aprain.
8Agus chuala iad guth an Tighearna Dia ag imeachd anns a’ ghàrradh, ann am#3:8 gaoth. fionnarachd an là: agus#Ier 23:24; Amos 9:2, 3 dh’fhalaich Adhamh agus a bhean iad fhèin o ghnùis an Tighearna Dia am measg craobhan a’ ghàrraidh.
9Agus dh’èigh an Tighearna Dia air Adhamh, agus thubhairt e ris, Càit a bheil thu?
10Agus thubhairt e, Chuala mi do ghuth anns a’ ghàrradh, agus bha#1 Eòin 3:20 eagal orm, a chionn gu robh mi lomnochd; agus dh’fhalaich mi mi fhèin.
11Agus thubhairt e, Cò a dh’innis dhut gu robh thu lomnochd? An d’ith thu den chraoibh, a dh’àithn mise dhut gun ithe dhith?
12Agus thubhairt an duine#Iob 31:33; Gnà 28:13, A’ bhean a thug thu gu bhith maille rium, thug ise dhomh den chraoibh, agus dh’ith mi.
13Agus thubhairt an Tighearna Dia ris a’ mhnaoi, Ciod e seo a rinn thu? Agus thubhairt a’ bhean, Mheall an nathair mi, agus dh’ith mi.
14Agus thubhairt an Tighearna Dia ris an nathair, A chionn gun do rinn thu seo, tha thu mallaichte thar gach ainmhidh, agus thar uile bheathaichean na machrach; air do bhroinn imichidh tu, agus duslach#Isa 65:25; Mic 7:17 ithidh tu uile làithean do bheatha:
15Agus cuiridh mi naimhdeas eadar thusa agus a’ bhean, agus eadar#Mat 13:38; 1 Eòin 3:8; Eòin 8:44 do shìol‐sa agus#Isa 7:14; Mat 1:23; Lùc 1:35 a sìol‐se#Ròm 16:20; Eph 4:8; bruthaidh esan do cheann, agus bruthaidh tusa a shàil‐san.
16Ris a’ mhnaoi thubhairt e, Meudaichidh mi gu mòr do dhoilgheas agus do thorrachas; am pèin beiridh tu clann, agus rid fhear bidh do thogradh, agus bidh#1 Cor 14:34 uachdaranachd aige ort.
17Agus ri Adhamh thubhairt e, Do bhrìgh gun d’èisd thu ri guth do mhnà, agus gun d’ith thu den chraoibh, a dh’àithn mise dhut, ag ràdh, Chan ith thu dhith, tha an talamh mallaichte air do shon; ann an doilgheas ithidh tu dheth uile làithean do bheatha;
18Agus droigheann agus cluarain bheir e a‑mach dhut, agus ithidh tu luibh na machrach;
19Am fallas do ghnùise ithidh tu aran, gus an till thu a dh’ionnsaigh na talmhainn; oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, agus gu duslach tillidh tu.
20Agus thug Adhamh Eubha#3:20 beò. mar ainm air a mhnaoi, do bhrìgh gum b’i màthair nan uile bheò#Gnìo 17:26.
21Agus rinn an Tighearna Dia do Adhamh agus da mhnaoi còtaichean craicinn, agus chòmhdaich e iad#Isa 61:10; Philip 3:9.
22Agus thubhairt an Tighearna Dia, #Gen 3:5Feuch, tha an duine air fàs mar aon dhinn fhèin, fiosrach air math agus olc. Agus a‑nis, air eagal gun sìneadh e a‑mach a làmh, agus gun gabhadh e mar an ceudna de #Tais 2:7chraoibh na beatha, agus gun itheadh e, agus gum biodh e beò gu sìorraidh:
23Air an adhbhar sin chuir an Tighearna Dia a‑mach e à gàrradh Edein, a shaothrachadh na talmhainn#Gen 3:19 as an tugadh e.
24Agus dh’fhògair e a‑mach an duine; agus shuidhich e anns an taobh an ear de ghàrradh Edein ceruban#Salm 80:1, etc.; 99:1, agus claidheamh lasrach#1 Each 21:16 a bha a’ tionndadh air gach làimh, a ghleidheadh slighe craobh na beatha.

Currently Selected:

Genesis 3: ABIG

Tya elembo

Share

Copy

None

Olingi kobomba makomi na yo wapi otye elembo na baapareyi na yo nyonso? Kota to mpe Komisa nkombo