1
N. Matu 15:18-19
Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875
Ach na nichean a tha tighinn a mach as a bhial, ʼsann bhoʼn chridhe tha iad a tighinn, agus ʼsiad sin a tha salachadh an duine. Oir ʼsann as a chridhe thig droch smaointean, murt, adhaltras, striopachas, goid, fianuis-bhreige, blaisbheum.
Спореди
Истражи N. Matu 15:18-19
2
N. Matu 15:11
Cha n-e an rud a theid a stigh air a bhial a shalaicheas an duine: ach se an rud a thig a mach as a bhial a shalaicheas an duine.
Истражи N. Matu 15:11
3
N. Matu 15:8-9
Tha ʼm pobull so toirt onair dhomhsa leʼm bilean: ach tha an cridhe fada bhuam . Ach ʼsann gun fheum a tha iad a toirt aoraidh dhomhsa, a teagasg reachdan agus faintean dhaoine.
Истражи N. Matu 15:8-9
4
N. Matu 15:28
An sin fhreagair Iosa, us thuirt e rithe: O bhean, is mor do chreideamh: biodh e dhut mar is aill leat. Us bhoʼn uair sin bhaʼn nighean aice air a leigheas.
Истражи N. Matu 15:28
5
N. Matu 15:25-27
Ach thainig ise, ʼs thug i aoradh dha, a g-radh: A Thighearna, dian mo chomhnadh. Thuirt esa, ʼs e freagairt: Cha n-eil e math breith air aran na cloinne, ʼsa thilgeadh thun nan con. Ach thuirt ise: Tha, a Thighearna: oir tha na cuileinean a g-ithe nan criomag a thuiteas bho bhord am maighistirean.
Истражи N. Matu 15:25-27
Дома
Библија
Планови
Видеа