Лого на YouVersion
Икона за пребарување

N. Matu 17

17
XVII. CAIB.
Criosta a caochladh crutha; a leigheas an leinibh air an robh an caothach; ʼsa paidheadh airgead na cise.
1ʼSan deigh shia laithean ghabh Iosa Peadar, agus Seumas, agus Eoin a bhrathair, agus thug e iad gu beinn aird a lethtaobh.
2Us chaochail e chruth ʼnan lathair. Us dhealraich ʼaodann mar a ghrian: us dhʼfhàs ʼaodach geall mar shneachda.
3Us, seall, chunnacas leo Maois agus Elias a comhradh ris.
4Us Peadar a freagairt, thuirt e ri Iosa: A Thighearna, is math dhuinn a bhith an so: ma ʼs aill leat, dianamaid an so tri paillionnan, a h-aon dhutsa, a h-aon do Mhaois, ʼsa h-aon do Elias.
5Nuair bha e fhathast a labhairt, seall, chuir nial geal sgàil orra. Us, seall, guth as an nial a g-radh: Se so mo Mhac gradhach, agus is mor mo thlachd dheth: eisdibh ris.
6Agus na deisciopuil, a cluinntinn so, thuit iad air an aghaidh, agus ghabh iad eagal mor.
7Agus thainig Iosa, us bhean e dhaibh, us thuirt e riu: Eiribh, agus na biodh eagal oirbh.
8ʼSa togail an sul, cha n-fhac iad duine, ach Iosa ʼna aonar.
9ʼS nuair a bha iad a tearnadh bhoʼn bheinn, dhʼàithn Iosa orra, a g-radh: Na innsibh an sealladh do neach air bith, gus an eirich Mac an duine bho na mairbh.
10Agus dhʼfheoraich a dheisciopuil deth, a g-radh: Car-son ma ta tha na Sgriobhaich a cantuinn, gum feum Elias tighinn an toiseach?
11Us esan a freagairt, thuirt e riu: Thig gu dearbh Elias, agus ath-leasaichidh e h-uile ni.
12Ach tha mise g-radh ribh, gun tainig Elias a cheana, agus cha dʼaithnich iad e, agus rinn iad air gach ni thogair iad. Is amhuil a dhʼfhuiligeas Mac an duine bhuapa.
13An sin thuig na deisciopuil, gur h-ann mu Eoin Baiste a labhair e riu.
14ʼS nuair a thainig e thun an t-sluaigh, dhluthaich fear air, a thilg e fhein air a ghluinean roimhe, a g-radh: A Thighearna, gabh truas ri mo mhac; oir tha e as a chiall, agus tha e air a leireadh gu goirt: oir tha e tuiteam gu tric san teine, agus gu tric san uisge:
15Us thug mi a dhʼionnsuidh do dheisciopul e, agus cha bʼ urrainn daibh a leigheas.
16Agus thuirt Iosa, ʼs e freagairt: O ghinealaich neo-chreidich agus choirbte, cia fhad a bhios mi mar-ribh? Cia fhad a dhʼfhuiligeas mi sibh? thugaibh gam ionnsuidh an so e.
17Agus chronaich Iosa e, us dhʼfhalbh an deomhan as, agus leighiseadh an leanabh bho ʼn uair sin.
18An sin thainig na deisciopuil an uaigneas gu Iosa, agus thuirt iad: Car-son nach bʼurrainn duinne a thilgeadh a mach?
19Thuirt Iosa riu; Air son ur mi-chreidimh. Oir gu firinneach tha mi g-radh ribh: nam biodh creideamh agaibh mar ghrainne mustaird, theireadh sibh ris a bheinn so: Theirig as a so gu sid, us rachadh i, ʼs cha bhiodh ni air bith do-dhiante dhuibh.
20Ach cha chuirear a mach an seorsa so ach le urnaigh ʼs le traisg.
21Agus nuair a bha iad a tamh ann an Galile, thuirt Iosa riu: Tha Mac an duine ri bhith air a bhrath do lamhan dhaoine.
22Agus marbhaidh iad e, us eiridh e air an treas latha. Agus bha iadsa ro-bhronach.
23ʼS nuair a rainig iad Capharnaum, thainig luchd-togail na cise gu Peadar, agus thuirt iad ris: Nach eil ur maighistir-se paidheadh na cise?
24Thuirt e: Tha. ʼS nuair a chaidh e stigh doʼn tigh, labhair Iosa ris an toiseach, a g-radh: Ciod e do bharailse, a Shimoin? Co bhuaithe tha righrean an talmhuinn a faighinn càine no cise? An ann bhoʼn cloinn fhein, no bho choigrich?
25Us thuirt esan: Bho choigrich. Thuirt Iosa ris: A reir sin tha chlann saor.
26Ach eagal gun toir sinn sgainneal dhaibh, falbh thun na mara, us tilg a mach dubhan; ʼsa chiad iasg a thig an aird, tog e; ʼsa fosgladh a bheoil, gheobh thu bonn airgid; gabh e, agus thoir dhaibh e air mo shonsa, ʼs air do shon fhein.

Селектирано:

N. Matu 17: MacETN

Нагласи

Сподели

Копирај

None

Дали сакаш да ги зачуваш Нагласувањата на сите твои уреди? Пријави се или најави се